Taisbeanadh cuibhrigean ealain
Thairis air samhradh 2023, thàinig luchd fuaigheil bho air feadh na Rìoghachd Aonaichte gu bùthan-obrach fuaigheil ‘Teicheadh don Chroit’ ann an stiùidio Pat Archibald ann an Loch Euphoirt ann an Uibhist a Tuath. Bha iad ùr don eilean agus chaidh an glacadh le na seallaidhean bhon stiùidio, na biastan dubha, na h-iolairean agus na fèidh a thàinig a thadhail, a bharrachd air aoigheachd nan eileanach ris an do thachair iad.
Tha na beachdan is faireachdainn aca mu na h-eileanan a’ nochdadh an lùib na cuibhrigean ealain a tha gan taisbeanadh.
Chaidh na dòighean-obrach fuaigheil agus peantaidh anns na cuibhrigean a theagasg le Pat tro na bùthan-obrach.
Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu bhùthan-obrach ‘Teicheadh don Chroit’ air an làrach-lìn aig Pat Archibald.
Tha taisbeanadh cuibhrigean ealain Dathan nan Eilean ri fhaicinn an-asgaidh, ann an Gailearaidh a’ Chafaidh ann an Taigh Chearsabhagh, bho 30 Iuchar – 28 Sultain, Diluain gu Disathairne, 10m-4f. Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.
Chaidh an cuibhrige san dealbh gu h-àrd a chruthachadh le Ann Diggory.
