Nach tig thu leinn ann am buidheann-obrach a’ cur deuchainn air fuaim leis an luchd-ealain Tòmas Obar Chrombaidh agus Kaya Fhriseal. Anns a’ bhuidhinn nì sinn rannsachadh air cleachdadh Èisteachd Dhomhainn ceangailte ri eag-eòlas. Tro chaochladh eacarsaichean air a’ bhlàr a-muigh còmhla, clàraichidh is cruthaichidh sin às ùr, agus ionnsaichidh sinn mar a dh’èisteas sinn ri fuaimean a gheibhear ann an àrainneachd nàdarra nan Eilean.
Bidh fuaimean a chruinnichear bhon bhuidhinn seo mar phàirt den cheòl do film ùr Thòmais, Ròcabarraigh, a thèid a thaisbeanadh a’ chiad uair aig Taigh Chearsabhagh sa gheamhradh 2023. Tha am film a-mach air an sgeir fhalaimh 230 mìle sear air Uibhist a Tuath sa Chuan Mhòr. Bheir e sùil air an sgeul air a dhearmad mu inbhe na sgeire mar an sìneadh mu dheireadh ris an Rìoghachd Aonaichte, agus nì e rannsachadh air eachdraidh toirt a-steach an eilein ann an 1955 agus mar a chaidh a thuineachadh an dèidh sin le luchd gnàth-shìde ann an 1997. Tha Ròcabarraigh a’ feuchainn ris an càirdeas eadar ìmpireachdas, flaitheanas agus crìonadh eag-eòlach a sgrùdadh, a’ cur feum air an làraich annasaich Albannaich seo gus an sealladh ùr seo air gluasad atharrachadh na gnàth-shìde a chur an altaibh a chèile.
Bidh a’ bhùth-obrach a’ gabhail àite ann an Uibhist a Tuath, ’s dòcha air tràigh neo machaire Tràigh Iar, Scolpaig, neo Trailhead North Lee Hike, a rèir na h-aimsire. Thèid an t-àite a dhearbhadh agus thèid còd what3words a chuir air post-d gu com-pàirtichean an latha ron bhùth-obrach.
Bidh a’ bhùth-obrach seo sa mhòr-chuid a-muigh thairis air talamh garbh, mar sin feuch an cuir thu ort aodach is brògan freagarrach. Chan eil na h-àiteachan a-muigh ruigsinneach do chathraichean cuibhle agus dh’fhaodadh gum bi feum air coiseachd nam beann.
Tòisichidh a’ bhùth-obrach ann an Taigh Chearsabhagh agus a’ leantainn air adhart chun phrìomh àite, agus mar sin feumaidh com-pàirtichean a bhith comasach air iad fhèin a dhràibheadh chun phrìomh àite. Tha dà àite ri fhaighinn dhaibhsan aig nach eil còmhdhail fhèin. Cuir post-d gu taigh@taigh-chearsabhagh.org ma tha feum agad air na h-àiteachan sin no ma tha thu toilichte lioft a thoirt do dhaoine eile.