Bidh Eòghan Stiùbhart agus Caitlin NicAonghais a’ còmhradh a’ bruidhinn air a’ bhàrdachd agus na h-eadar-theangachaidhean aig Eòghan airson tachartas sònraichte club leughaidh DUILLEAG aig Seachdain na Gàidhlig 2022.
‘S e tidsear agus craoladair-air-loidhne a th’ ann an Eòghan Stiùbhart. Rugadh is thogadh e air feadh na h-Alba, ach tha e a’ còmhnaidh ann an Inbhir Nis agus ’s ann à Ùig ann an Leòdhas agus Tròndarnais san Eilean a tha na daoine aige. Tha e air a bhith ri bàrdachd o chionn deich bliadhna no rudeigin mar sin, agus tha e ga dhèanamh airson tlachd agus spòrs. Tha a’ chiad chruinneachadh aige Beum-sgèithe a-mach air Acair a-nis.
Thèid an deasbad a chumail air-loidhne tro Zoom le Taigh Chearsabhagh. Tha e riatanach àite a chuir air dòigh gus am faigh thu cuireadh Zoom. Thèid an ceangal a chuir a-mach air post-d goirid mus tòisich an tachartas. Bidh àiteachan glèidhte a’ dùnadh aig 7f air 25 Màrt.
Gus cluinntinn mu thiotalan san àm ri teachd, agus còdan lasachaidh fhaighinn airson tiotalan clubaichean leabhraichean, cuir d’ ainm a-steach don liosta puist DUILLEAG.
Tha DUILLEAG fosgailte dhan a h-uile duine, feadhainn gun Ghàidhlig nam measg. Gluaisidh na còmhraidhean eadar Beurla is Gàidhlig, agus faodar cuid de rudan a ràdh gun eadar-theangachadh.