Tha an taisbeanadh obrach Dùthchas | Home, leis an neach-ealain Fiona Pearson, na sgrùdadh air smuaintean air dachaigh. Tha Fiona air a bhith a’ fuireach, ag obair agus air a dachaigh fhèin a dheànamh ann an Uibhist airson còrr is 50 bliadhna.
Tha fàilte oirbh tighinn còmhla rinn airson ro-shealladh air Dùthchas | Home, ann an Gailearaidh 1 air Disathairne 4 Giblean, 2-4f.
‘S urrainn dhuibh cuideachd barrachd a chluinntinn aig Còmhradh leis an Neach-ealain air Diciadain 29 Giblean, 2-3f. Chan fheum sibh tiogaid, tighibh ann a dh’èisteachd ri Fiona Pearson a’ bruidhinn mun obair aice.
Mus deach a’ chiad eachdraidh a chlàradh, tha daoine air a bhith a’ fuireach sna h-eileanan seo, tha an cruth-tìre dì-leasaichte a’ sealltainn chomharran air còrr is còig mìle bliadhna de bheatha. Rè na h-ùine sin tha an t-eilean fhèin air atharrachadh beag air bheag le gluasad oir a’ chladaich, is còmhdach de mhòine ga sìor fhàgail lòm ann an àiteachan.
Ma ghluaiseas tu a’ mhòine sin, lorgaidh tu beatha a dh’fhalbh, sgrìobhte sna làraich chloiche air an tìodhlacadh an cois innealan agus fuighill. Cuideachd ri fhaicinn sa chruth-tìre tha tobhtaichean thaighean, air an trèigsinn ri linn dhùbhlain an àm a chaidh seachad agus an là an-diugh – bho na fuadaichean chun ghnàth-shìde.
Ann an Uibhist, tha dlùth cheangal eadar daoine is na dachannan aca agus am fearann:
“Mur a b’ e gun do rugar mi ann agus dust an àite fhèin gràdhmhor dhomh dh’fhàgainn a-màireach.”
(Fianais do Choimisean na Croitearachd sna 1950an, a’ mìneachadh ana-chothroman an tac aige.)
Tha imrich, a’ tighinn is a’ falbh, riamh air a bhith mar phàirt de bheatha eileanach. Tha ceistean air maireannachd, teàrainteachd agus buinteanas cho cudromach a-nis sa bha iad a-riamh.
Tha an rathad dhachaigh a’ dol seachad air locha, far a bheil na h-ealachan sìnte tarsainn mar shreang de neamhnaidean. Tha cuairt aig ciaradh an fheasgair a’ tabhann sealladh air eala bhàn leis fhèin thairis dathan beairteach na mòintich.
Gach earrach agus foghar, bidh ealachan bhàna a’ gabhail an turais fhada eadar Innis Tìle agus an talamh geamhrachaidh aca ann am Breatainn is Èirinn. Bidh cuid a’ cruinneachadh air na lochain ann an Uibhist san aon dòigh sa bhios iad an Èirinn, mar a mhìnich am bàrd Èireannach, Seamus Heaney:
“The surface of a slate-grey lake is lit
By the earthed lightning of a flock of swans”
Tha dachannan eileanach air an cuairteachadh le grèis-bhrat de thalamh agus uisge. Tha gluasad an-fhoiseil ann leis a’ ghaoth agus atharrachadh san t-solas a’ cruthachadh cruthan-tìre ùra. Tha an sealladh cho aithnichte, tha faileas stòlda chorra-ghritheach na annas.
A-muigh no a-staigh, tha dachannan nan cridhe dhuinn uile. An seo no an àiteigin eile, ’s e an dà chuid àite is daoine a th’ anns an dachaigh.
Tha Dùthchas | Home ri fhaicinn an-asgaidh ann an Gailearaidh 1, an-asgaidh, bho 4 Giblean – 18 Iuchar 2026, Diluain-Disathairne, 10m-4f. Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.
Còir-deilbhe: Man in Doorway, Fiona Pearson, Collagraph (2025).
