Home > Event > Electric Malady

Photo of 3 people sitting round a small table with tea and cakes, with a fabric-covered form sitting at the end of the table.

Electric Malady

Tha an neach-ealain is filmeadair Marie Lidén a’ toirt fiathachadh do luchd-amhairc a-staigh dhan t-saoghal aonranach aig Uilleam, duine òg a tha air deichead bliadhna a chur seachad, an-aghaidh a thoil, a’ cur cùl ri beatha an latha an-diugh.  Aig aon àm na oileanach Maighstireachd agus neach-ciùil adhartach, tha an droch bhuaidh a thug rèidideachd eileagtronaigeach bhon t-saoghal eadar-cheangailte didseatach againn, air Uilleam a chur gu bothan iomallach ann am fàsach na Suaine, far a bheil e air e fhèin a ghearradh dheth bho cha mhòr a h-uile seòrsa teicneòlas.  Ach ciamar a gheibh thu far an griod nuair a tha an griod a-nis air feadh an àite?

A’ falach ann an seòmar-cadail air a chuairteachadh ann am foidhle, fo ghrunn chòmhdaichean aodaich air an lìnigeadh le copair, tha Uilleam a’ bruidhinn gu fosgailte ri Lidén mu dheidhinn fulang le tinneas ris an canar electrosensitivity.  Air a’ chlàradh ann am pàirt le camara Bloex air a neartachadh le làimh, ’s e tha a’ nochdadh ach dealbh liriceach agus co-fhaireachdainneil air aonranachd agus iomallachd – agus oidhirp theaghlaich ghràdhaich gus beatha am mic a shàbhaileadh.

Fear de na h-aithrisean as làidire a thogas beachd agus as ùr-ghnàthach den bhliadhna

Screen Queens

Co-fhaireachdainneil agus a’ dùsgadh bheachdan

The National

Film de dh’aonranas agus dòchas

One Room with a View

BBFC cert: 12A

Glèidh na tiogaidean agaibh tron t-siostam Pàigh na Thogras Tu, far am bi sibh fhèin a’ taghadh dè phrìs tiogaid a bu toigh leibh pàigheadh nuair a tha sibh ga ghlèidheadh.  Nam bu toigh leibh ur taic airson taigh-dheilbh neo-eisimileach a shealltainn, tha sibh làn di-beathte tabhartas airgid a thoirt seachad an dèidh an fhilm.

Bidh na h-oidhcheannan film aig UistFilm a-nis gan cumail ann an Taigh Chearsabhagh, air an Disathairne mu dheireadh den mhìos.  Bidh dorsan a’ fosgladh aig 6.30f, agus filmichean a’ tòiseachadh aig 7f.

Bidh tuilleadh filmichean gan sanasachd a dh’aithghearr.  Airson fios às ùr air a’ phrògram agus fiosrachadh co-cheangailte, ’s urrainn dhuibh a’ chuairt-litir aig UistFilm iarraidh an seo.