Thigibh còmhla ri LOW PROFILE airson leum a-steach gu bhith a’ togail an làraich ealain agaibh fhèin. Coimheadaidh sinn air rudan leithid a bhith a’ dèanamh mapa air an làrach agaibh agus a’ togail chaidreabhan, a’ lorg chothroman ùra airson dèanamh / sealltainn obair ealain ann an àiteachan neo-thraidiseanta, agus beachdan airson sgioba a thoirt ri chèile le luchd-cruthachail eile airson toirt air rudan tachairt.
Togaidh LOW PROFILE air còrr is 20 bliadhna de dh’eòlas air tachartasan shoirbheachail air an stiùireadh le luchd-ealain, agus sgilean curaideachaidh, leasachadh coimhearsnachd agus fuasglaidhean cruthachail air duilgheadasan. Gheibh sibh tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn obair LOW PROFILE aig we-are-low-profile.com
Bidh an tachartas seo ga lìbhrigeadh air-loidhne le LOW PROFILE agus ga shealltainn aig Cnoc Soilleir is sinn a’ toirt fiathachadh don luchd-frithealaidh tighinn gus gabhail pàirt còmhla an sin, ach tha cothrom ann cuideachd tighinn a-steach air-loidhne. Tha bursaraidh siubhail ann do luchd-frithealaidh a tha tighinn ann. Cuiribh postd gu susannah@taigh-chearsabhagh.org airson tuilleadh fiosrachaidh.
Bidh cothrom aig an luchd-frithealaidh a tha a’ tighinn dhan togalach fuireach airson Cidsin Cèilidh aig Cnoc Soilleir, gus ceòl a chluinntinn bho luchd-ciùil an àite.
Ron tachartas:
Thèid ceangal airson an tachartais a chuairteachadh do luchd-frithealaidh ron àm, le mapa didseatach air Làraich Ealain Uibhist, agus bruidhinnidh sinn air a sin sa bhùth-obrach.
Cò dha a tha an tachartas?
Tha an tachartas seo an-asgaidh do luchd-ealain de mheadhan sam bith. ’S ann do luchd-ealain stèidhichte ann an Uibhist a tha e, le 8 àiteachan do dhaoine tighinn dhan togalach agus 4 àiteachan air-loidhne. Tha dà sheòrsa tiogaid ann agus faodaidh tu taghadh tighinn dhan togalach no tighinn a-steach air-loidhne.
’S e prògram ùr a th’ ann an #EvenHereEvenNow, air a lìbhrigeadh tro co-bhanntachd eadar Shetland Arts, An Lanntair, Pier Arts Centre agus Taigh Chearsabhagh, a’ tagradh airson luchd-ealain stèidhichte sna h-eileanan, tro thachartasan ionadail, tachartasan air-loidhne, manifesto, agus iomairt nàiseanta.
Tha an tachartas seo a’ faighinn taic bho mhaoin Connecting Moments aig Engage Scotland. Tha Connecting Moments a’ faighinn taic bhon Chrannchur Nàiseanta tro Alba Chruthachail.
Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.
