Home > Event > EVEN BETTER – Dòighean-obrach Sheasmhach + Bùth Iomlaid

Poster for Even Better Sustainable Practice & Swap Shop event, with a close photo of paint tubes, and details of the event typed in black on a yellow background.

EVEN BETTER – Dòighean-obrach Sheasmhach + Bùth Iomlaid

Dè an coltas a th’ air dòigh-obrach sheasmhach stèidhichte sna h-eileanan? Thigibh a Thaigh Chearsabhagh air Disathairne 22 Gearran gus ur beachd a thoirt seachad air dè as urrainn dhuinn a dhèanamh airson eag-eòlas ealain nas fhèarr a thoirt air adhart ann an Uibhist.

Faodaidh sibh tadhal a-steach air an tachartas agus bidh sreath de phuingean ann as urrainn dhuibh cnuasachadh air is freagairt a thoirt seachad.

Bidh Bùth Iomlaid ann cuideachd, far an urrainn dhuibh stuthan is innealan a thoirt seachad no a thogail, ma tha dad agaibh nach eil feum agaibh air ach a dh’fhaodadh a bhith feumail do chuideigin eile. Faodaidh sibh iomaid a dhèanamh airson rudeigin eile sa Bhùth Iomlaid, airgead fhàgail, no rudan a thogail an-asgaidh!

Cuiribh fios gu susannah@taigh-chearsabhagh.org ma tha dad agaibh a bu toigh leibh a chur dhan Bhùth Iomlaid.

Chan fheum sibh tiogaid a ghlèidheadh, dìreach tadhalaibh a-steach uair sam bith eadar 12.30f – 3.30f.

Tha an tachartas seo mar phàirt de shreath thachartasan air an cur air dòigh le iomairt Even Here, Even Now.  Leughaibh manifesto EVEN HERE, EVEN NOW an seo.  ’S urrainn dhuibh barrachd a leughadh mun luchd-tagraidh an seo.

Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.