Home > Event > EVEN HERE: Pecha Kucha

"Even Here" typed in bold lettering over a series of landscape images in muted colours.

EVEN HERE: Pecha Kucha

Thigibh còmhla rinn airson Pecha Kucha sònraichte air Dihaoine 7 Gearran.  Tha Even Here, Even Now air gairm a chur gu luchd-ealain is luchd-cruthachail ann an Uibhist, airson taisbeanadh a thoirt seachad air cuspair Eag-eòlas.  Bidh am feasgar de dh’òraidean goirid a’ gabhail àite sa Chafaidh ann an Taigh Chearsabhagh agus bidh sinn a’ stad bho àm gu àm airson deochan agus còmhradh.  Tha an tachartas seo fosgailte don h-uile duine tighinn ann, airson ionnsachadh, fealla-dhà agus brosnachadh a thoirt dha na h-òraidichean againn!

’S e luchd-ealain agus sgrìobhadairean ionadail a th’ anns na h-òraidichean, agus chaidh iarraidh orra beachdachadh air an obair aca mar rud a tha beò, lìonra de cheanglaichean, bodhaigean agus dàimhean. A’ cnuasachadh air cuspair eag-eòlas, bruidhinnidh iad mun obair aca agus dè tha e a’ ciallachadh a bhith nam pàirt de dh’eag-eòlas eileanach.

Dè th’ ann am Pecha Kucha?

’S e òraid gu math goirid a th’ ann am Pecha Kucha! Tha e ann an cruth 20 slaighd de dh’iomhaighean, le 20 diog airson gach slaighd, is mar sin bidh an òraid dìreach beagan is 6 mionaid a dh’fhaid.  Bu chòir barrachd cuideam a chur air ìomhaighean seach teacsa, agus feumaidh gach òraid cumail ris an uair! ’S e cruth spòrsail, luath a th’ ann; deagh chleachdadh dhaibhsan nach eil eòlach air a bhith a’ taisbeanadh, agus deagh eacarsaich dhaibhsan a tha nas eòlaiche.

Tha an tachartas seo mar phàirt de shreath thachartasan air an cur air dòigh le iomairt Even Here, Even Now.  Leughaibh manifesto EVEN HERE, EVEN NOW an seo.  ’S urrainn dhuibh barrachd a leughadh mun luchd-tagraidh an seo.

Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.