Home > Event > Even Here, Even Now: PechaKucha do luchd-cruthachail nan eilean

Series of 4 images of island landscapes, featuring the words: Even, Here, Even, Now.

Even Here, Even Now: PechaKucha do luchd-cruthachail nan eilean

’S e taisbeanadh a th’ ann am PechaKucha far a bheil thu a’ sealltainn 20 dealbh, airson 20 diog gach fear, agus a’ bruidhinn mu dheidhinn gach dealbh. Tha thu a’ feuchainn ri sgeulachd innse tro dhealbhan ann an dòigh ghoirid, shìmplidh. 

Bidh an tachartas seo – a tha a’ gabhail àite air Dihaoine 25 Giblean, le daoine an làthair gu pearsanta agus air-loidhne – a’ tabhann thaisbeanaidhean PechaKucha bho dhaoine cruthachail ann an Arcaibh, Sealtainn agus Innse Gall. Bidh seo a’ gabhail àite aig an aon àm ann An Lanntair, Mareel ann an Sealtainn agus ann an Taigh Chearsabhagh, is le luchd-ealain a’ tighinn a-steach air-loidhne à Arcaibh cuideachd. Ma thogras sibh, ’s urrainn dhuibh tighinn a-steach air-loidhne bho ge bith càite a bheil sibh.

An lùib an tachartais, gheibh sinn òraidean ghoirid bho Laura Drever, Anna Gardiner agus Frances Scott bhon Moti Collective, Andy Laffan, Zoe Paterson Macinnes, Joyce Davies, Shona Main, Meg Rodger, agus Alex Brown.

’S e fìor dheagh chothrom a tha seo coinneachadh ri daoine cruthachail bho eileanan eile agus cuideachd cothrom sòisealta an lùib dhaoine bhon eilean agad fhèin. 

Nam bu toigh leat tighinn a-steach air-loidhne, glèidhibh àite tron t-siostam thiogaidean againn gu h-ìosal agus cuiridh sinn ceangal Zoom thugaibh goirid ron àm.

Tha Even Here, Even Now ag iomairt le manifesto airson luchd-cruthachail nan eilean ann an Alba, le taic bho An Lanntair, Shetland Arts, Taigh Chearsabhagh, agus Pier Arts Centre. Gheibh sibh tuilleadh fiosrachaidh mu Even Here, Even Now an seo: https://www.shetlandarts.org/projects/even-here-even-now