Tha FAODAIL | FOUND a’ dol air chuairt le sreath de thachartasan a’ sealltainn fhilmichean bhon tasglann:
Diluain 13 Giblean, 7-9f – Talla Bhàgh a Tuath, Barraigh
Dimàirt 14 Giblean, 6-8f – Taigh-tasgaidh Chill Donnain, Rùm na Fèis, Uibhist a Deas
Diciadain 15 Giblean, 6-8f – Ceann na h-Àirigh, Griomasaigh
Diardaoin 16 Giblean, 6-8f – Talla Bheàrnaraigh
Dihaoine 17 Giblean, 6-8f – Talla Coimhearsnachd an Tairbeirt, Na Hearadh
Disathairne 18 Giblean, 6-8f – Grinneabhat, Bràghadair bho Thuath, Leòdhas
Bidh sinn a’ sealltainn fhilmichean bho thasglann FAODAIL a chaidh an lorg bho chionn ghoirid, bho Innse Gall eadar na 1930an is na 1980an, is le buntainneas gu gach eilean. Tha sinn an dòchas gun tog seo còmhradh eadar sean is òg. Thoiribh leibh an teaghlach!
Tha na tachartasan seo ag amas air aire a thogail gu làrach-lìn FAODAIL | FOUND website a thèid a chur air bhog air 1 Cèitean, agus a’ cur a-mach gairm airson tuilleadh fhilmichean cine nach fhacar fhathast, a’ sealltainn Innse Gall, airson a chur ris an tasglann. A bheil seann ridhlichean film cine agaibhse leis an eilean agaibh orra?
Tha na tachartasan seo an-asgaidh agus bidh deochan rim faighinn. Tha sinn an-dràsta a’ sanasachd iomairt crowdfunder againn, airson 5 chruinneachaidhean eile a chaidh an toirt dhuinn a chur ann an cruth didseatach. Cuiribh taic ris tron chòd QR.

Tha sinn a’ leudachadh ruigsinneach air tasglann FAODAIL | FOUND le taic bho Mhaoin Dulachas Sgrìn BFI, a’ toirt seachad taic-airgid bhon Chrannchur Nàiseanta.

