Thigibh còmhla rinn airson sgrìneadh fhilmichean bhon tasglann, le ceòl beò na chois, bho dhithis luchd-ciùil cliùteach, Pàdruig Moireasdan air a’ bhogsa, agus am fìdhlèir is seinneadair Gàidhlig, Claire Frances NicNìll, airson comharrachadh cur air bhog làrach-lìn Tasglann Fhilm Innse Gall FAODAIL | FOUND: faodailfilm.scot
Gu ruige suas ri 1979, ’s e glè bheag, ma bha sgath idir, de dh’fhilmichean poblach cruthaichte ann, no mu dheidhinn, Innse Gall a thàinig bho shealladh sam bith eile ach bhon taobh a-muigh. Às aonais an t-seallaidh dhùthchasaich, thug seo, aig a’ char a b’ fheàrr, dealbh aineolach agus gu tric romansach no le fearas-mhòr, air beatha nan eilean san 20mh linn.
Tha pròiseact FAODAIL | FOUND ag amas air seo a chothromachadh agus gu ruige seo chaidh 25 uairean a thìde de dh’fhilmichean dachaigh air 8mm a chur gu cruth didseatachadh tro crowdfunding.
’S e fianais chudromach agus gun choimeas a th’ anns an tasglann air eachdraidh shòisealta Innse Gall, agus a tha mar thà air aithne fhaighinn tro na filmichean aithriseil a riochdaich UistFilm, leithid Dùthchas, Faodail – Found Film agus Beatha nan Eilean.
Tha cuirm cur air bhog làrach-lìn FAODAIL | FOUND fosgailte don h-uile duine, ann an Talla Chàirinis air Disathairne 9 Cèitean aig 7f. Tha an tachartas seo an-asgaidh, ach feumar tiogaid a ghlèidheadh ron àm. Gheibh sibh tiogaidean tron t-siostam air-loidhne againn gu h-ìosal. Bhiomaid taingeil airson tabhartasan taic-airgid sam bith chun iomairt Crowdfunder againn!
Thèid tachartas cur air bhog a chumail ann an Ionad Sgeulachdan na h-Alba cuideachd, air Disathairne 2 Cèitean aig 8f. Tha tiogaidean rim faighinn air làrach-lìn Ionad Sgeulachdan na h-Alba.
Tha sinn a’ leudachadh ruigsinneach air tasglann FAODAIL | FOUND le taic bho Mhaoin Dulachas Sgrìn BFI, a’ toirt seachad taic-airgid bhon Chrannchur Nàiseanta.
