Home > Event > Faodail | Found le ceò beò aig Cnoc Soilleir

Faodail | Found le ceò beò aig Cnoc Soilleir

Thigibh còmhla rinn airson sgrìneadh fhilmichean bhon tasglann, le ceòl beò na chois, bho dhithis luchd-ciùil cliùteach, Pàdruig Moireasdan air a’ bhogsa, agus am fìdhlèir is seinneadair Gàidhlig, Claire Frances NicNìll, airson na cuirme mu dheireadh gus comharrachadh cur air bhog làrach-lìn Tasglann Fhilm Innse Gall FAODAIL | FOUND: faodailfilm.scot

Tha an tachartas seo ga chur air adhart ann an co-bhann ri Cnoc Soilleir agus Ceòlas, agus le drama gin Downpour ga thabhann an-asgaidh, le taing do Thaigh-staile Uibhist a Tuath.

Gu ruige suas ri 1979, ’s e glè bheag, ma bha sgath idir, de dh’fhilmichean poblach cruthaichte ann, no mu dheidhinn, Innse Gall a thàinig bho shealladh sam bith eile ach bhon taobh a-muigh. Às aonais an t-seallaidh dhùthchasaich, thug seo, aig a’ char a b’ fheàrr, dealbh aineolach agus gu tric romansach no le fearas-mhòr, air beatha nan eilean san 20mh linn.

Tha pròiseact FAODAIL | FOUND ag amas air seo a chothromachadh agus gu ruige seo chaidh 25 uairean a thìde de dh’fhilmichean dachaigh air 8mm a chur gu cruth didseatachadh tro crowdfunding.

’S e fianais chudromach agus gun choimeas a th’ anns an tasglann air eachdraidh shòisealta Innse Gall, agus a tha mar thà air aithne fhaighinn tro na filmichean aithriseil a riochdaich UistFilm, leithid Dùthchas, Faodail – Found Film agus Beatha nan Eilean.

Tha cuirm cur air bhog làrach-lìn FAODAIL | FOUND fosgailte don h-uile duine, ann an Cnoc Soilleir, Dalabrog, air Dihaoine 7 Lùnastal aig 7f. Gheibh sibh tiogaidean tron t-siostam air-loidhne againn gu h-ìosal. Tha prìsean thiogaidean gan cur air adhart airson a bhith cothromach – bhiomaid nur comain nan ceannaicheadh sibh tiogaid nas daoire ma ’s urrainn dhuibh.

Cuideachd, bhiomaid taingeil airson tabhartasan taic-airgid sam bith chun iomairt Crowdfunder aig Faodail, tron chòd QR.

Tha sinn a’ leudachadh ruigsinneach air tasglann FAODAIL | FOUND le taic bho Mhaoin Dulachas Sgrìn BFI, a’ toirt seachad taic-airgid bhon Chrannchur Nàiseanta.