Tha FAODAIL air chuairt a-rithist!
Tha an làrach-lìn airson Tasglann Fhilm FAODAIL Innse Gall a-nis beò, aig www.faodailfilm.scot agus tha sinn a’ cur air adhart sreath de thachartasan air feadh nan eilean far am faod sibh tadhal a-steach agus faicinn mar a tha an làrach-lìn ag obair agus mar as urrainn dhuibh rùraich tro na cruinneachaidhean.
Tha na tachartasan seo an-asgaidh, chan fheum sibh tiogaid, tadhalaibh a-steach ge brith cuin a tha e freagarrach oirbh. Thoiribh leibh an teaghlach!
Dimàirt 2 Ògmhios
Taigh Chearsabhagh, Uibhist a Tuath, 1-4f
Diciadain 3 Ògmhios
Hebrides People Cò Leis Thu?, An Taobh Tuath, Na Hearadh, 11m-1f
Talla na Mara, Pàirc Niseaboist, Na Hearadh, 2-4f
Grinneabhat, Bràdhagair, Leòdhas, 6-8f
Diardaoin 4 Ògmhios
An Lanntair, Steòrnabhagh, Leòdhas, 10m-12f
Museum nan Eilean, Seòmar Foghlaim, Steòrnabhagh, Leòdhas, 2-4f
Taigh-tasgaidh Ùig, Leòdhas, 7-9f
Dihaoine 5 Ògmhios
Comann Eachdraidh Nis, Leòdhas, 11m-1f
Ionad Coimhearsnachd Cheann a’ Loch, Leòdhas, 3-5f
Dimàirt 9 Ògmhios
Comunn Eachdraidh Bharraigh agus Bhatarsaigh, Bàgh a’ Chaisteil, Barraigh, 10m-3f **AIR A CHUR DHETH**
Diciadain 10 Ògmhios
Comann Eachdraidh Bheàrnaraigh, Beàrnaraigh, 12-4f
Diardaoin 11 Ògmhios
Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath, Sgoil Chàirinis, Uibhist a Tuath, 12-3pm
Tha sinn an-dràsta a’ sanasachd iomairt crowdfunder againn, airson 5 chruinneachaidhean eile a chaidh an toirt dhuinn a chur ann an cruth didseatach. Cuiribh taic ris tron chòd QR ma ’s urrainn dhuibh.
Tha sinn cuideachd a’ cur a-mach gairm airson tuilleadh fhilmichean cine nach fhacar fhathast, a’ sealltainn Innse Gall, airson a chur ris an tasglann. A bheil seann ridhlichean film cine agaibhse leis an eilean agaibh orra?
Tha sinn a’ leudachadh ruigsinneach air tasglann FAODAIL | FOUND le taic bho Mhaoin Dulachas Sgrìn BFI, a’ toirt seachad taic-airgid bhon Chrannchur Nàiseanta.


