Home > Event > Far a bheil a’ Mhuir a’ coinneachadh an Rathaid: Cruinneachadh Chalmac aig John MacDhòmhnaill

Photo of John Macdonald in Calmac uniform, standing next to a Calmac ferry, with a background image of the yellow and red Calmac logo.

Far a bheil a’ Mhuir a’ coinneachadh an Rathaid: Cruinneachadh Chalmac aig John MacDhòmhnaill

Bidh Caledonian Mac a’ Bhriuthainn a’ tairgsinn sheirbheisean riatanach do choimhnearsnachdan nan eilean, air cuid de na slighean as fiadhaiche san Roinn Eòrpa, tro dhàimh a tha a’ dol air ais còrr is 150 bliadhna, chun chompanaidh bàtaichean-smùid a chuidich  Daibhidh Mac a’ Bhriuthainn a stèidheachadh.

Tha ceanglaichean làidir is domhainn eadar na soithichean agus na h-eileanan. Tha na h-aiseagan a’ togail fhaireachdainn chumhachdach: an gàirdeachas air tighinn dhachaigh, an cianalas aig àm fàgail, an t-annas air an turas, a’ caoidh luchd-gaoil air an giùlain air ais airson an tiodhlacadh ann an ùir nan eilean.

Rugadh is thogadh John MacDhòmhnaill ann an Loch nam Madadh agus ghlac na h-aiseagan ùidh bho aois òg.  Nuair a bha e fhathast san sgoil ghlèidheadh e tiogaidean is clàran-ama agus thairis nam bliadhnaichean tha an cruinneachadh aige air gnothaichean CalMac air fàs gus an taigh aige a lìonadh, shìos an rathad bhon chidhe far a bheil e ag obair – litrichean, brataich, modailean – deagh chuid dhiubh bho àm Dhaibhidh Mhic a’ Bhriuthainn e fhèin.

’S e cruinneachadh a th’ ann a tha a’ toirt beò sgeulachdan nan eilean againn agus nan aiseag againn.

Tha an taisbeanaidh a’ sealltainn modailean de bhàtaichean, brataich, cairtean-puist, stuthan air an dèanamh le airgid, postairean le fasanan na h-ama, seann dealbhan, agus an lùib a h-uile annas seo tha mapaichean faire a tha air leth tearc, a bh’ aig Riaghaltas Bhreatainn air uisgeachan a’ chosta an iar, bho àm a’ Chogaidh Fhuair.

Tha ‘Far a bheil a’ Mhuir a’ coinneachadh an Rathaid’ a’ toirt am follais sgeul nan eileanach, a tha tric làn faireachdainn mu tighinn dhachaigh no a’ fàgail, an fhealla-dhà aig cidhe Loch nam Madadh nan òigridh, cuimhneachain luchd-tadhail a sheòl chun eilein, agus beachdan luchd-gnothachais agus luchd-siubhail is na h-aiseagan aig cridhe am beatha làitheil a cheart uimhir san latha an-diugh.  Gheibh sibh aithrisean bho sheann sgiobairean is luchd-criutha, le sgeulachdan air droch mhuir is tursan dùbhlannach, a bharrachd air beachdan cuid a tha a’ breithneachadh air seann aois agus cion earbsa ann an cabhlach an là an-diugh.

Tha ‘Far a bheil a’ Mhuir a’ coinneachadh an Rathaid’ fosgailte san Taigh-tasgaidh, 10m-4f, Diluain gu Disathairne, agus freagarrach air gach aois.   Tha an taisbeanadh a’ cosg £3, no £1.50 le lasachadh, agus gheibh clann fo aois 10 a-steach an-asgaidh.

Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.