Home > Event > Feasgar bàrdachd: Bàrdachd mu Bhoireannaich

Feasgar bàrdachd: Bàrdachd mu Bhoireannaich

Tha ceann-là ùr againn agus bidh a’ chiad Fheasgar Bàrdachd den ràithe a’ gabhail àite ann an Taigh Chearsabhagh air Diardaoin 15 Dàmhair aig 7.30f. ’S e Bàrdachd mu Bhoireannaich an cuspair a th’ againn an turas seo.

Ma tha pìos bàrdachd ann a tha a’ còrdadh ribh air a’ chuspair seo, bhiomaid toilichte ur cluinntinn ga leughadh. Ach chan eil uallach sam bith oirbh gabhail pàirt, thigibh ann a dh’èisteachd ri càch. Tha na feasgair bàrdachd gu math neo-fhoirmeil, sòisealta. Tha e an-asgaidh, le deochan gan toirt seachad, ach bhiodh tabhartas beag feumail. Fosgailte don h-uile duine! 

Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.