’S e ‘Cùram’ an cuspair a th’ againn airson feasgar bàrdachd na mìos seo, air Diardaoin 24 Giblean. Bidh cùram a’ nochdadh ann an iomadh cruth, leithid dàimh le luchd-gaoil agus coimhead às dèidh dhaoine no an àrainneachd againn, uallach airson cùisean cruinneil, no fiu ’s gabhail aire air mar a tha sinn gar giùlain fhèin nar beatha làitheil.
Ge brith dè tha cùram a’ toirt gur n’inntinn, chòrdadh e rinn an taghadh bàrdachd agaibhse a chluinntinn, nam bu toigh leibh leughadh dhuinn, no faodaidh sibh dìreach suidhe is èisteachd ri càch.
Fosgailte don h-uile duine, nach tig sibh còmhla rinn ann an Taigh Chearsabhagh air Diardaoin 24 Giblean, aig 7.30f? Bidh deochan rim faighinn agus tha e an-asgaidh tighinn ann, ach bhiomaid toilichte beagan tabhartasan beaga airgid fhaighinn.
Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.
Còir-deilbhe: Yasmin Davidson.
