Home > Event > Feasgar bàrdachd: Dàimhean

Feasgar bàrdachd: Dàimhean

Bidh sinn a’ beachdachadh air dàimhean, càirdeas is buinteanas de gach seòrsa aig an Fheasgar Bàrdachd againn air a’ mhìos seo.

Nach tig sibh còmhla rinn airson a’ chiad tachartas bàrdachd againn den bhliadhna ùr, ann an Gailearaidh 2 aig 7f, Diardaoin 29 Faoilleach? Ma tha pìos sònraichte agaibh air a’ chuspair againn, bhiodh sinn toilichte sin a chluinntinn. Ach chan fheum sibh leughadh mur a togar sibh, thigibh ann a dh’èisteachd ri chàch.

Tha an tachartas seo an-asgaidh, le deochan gan tabhann, ach bhiodh sinn taingeil airson tabhartas bheag airgid. Fosgailte don h-uile duine!

Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.

Feasgair bàrdachd ri thighinn! 

Diardaoin 26 Gearran, le Beth Frieden

Diardaoin 26 Màrt, le Anna Frater

 

Còir-deilbhe: Tasglann fhilm Dùthchas.