Home > Event > Feasgar bàrdachd le Makar na h-Alba: Pàdraig MacAoidh

Feasgar bàrdachd le Makar na h-Alba: Pàdraig MacAoidh

Tha sinn toilichte fàilte a chur air Makar na h-Alba a Thaigh Chearsabhagh airson Seachdain Leabhraichean na h-Alba. ’S ann à Eilean Leòdhais a tha Pàdraig MacAoidh is e fileanta sa Ghàidhlig. ’S e acadaimigeach a th’ ann, sgrìobhadair is craoladair, agus obair a’ tighinn fo bhuaidh dhualchas iomadachd cànain an àite san do rugadh e.

Leughaidh Pàdraig taghadh den obair aige aig Feasgar Bàrdachd air Diciadain 19 Samhain, 7.30f. Tha an tachartas sònraichte seo airson Seachdain Leabhraichean na h-Alba an-asgaidh agus fosgailte don h-uile duine tighinn ann, glèidhibh tiogaid an-asgaidh gu h-ìosal.

A bharrachd air an Fheasgar Bàrdachd, bidh Pàdraig cuideachd a’ cumail bùth-obrach sgrìobhaidh ann an Taigh Chearsabhagh air Diciadain 19 Samhain, 1.30f – 3.30f. Feumar tiogaidean a ghlèidheadh ron àm: Bùth-obrach Sgrìobhaidh

Le MA bho Oilthigh Ghlaschu agus PhD bho Cholaiste na Trianaide ann am Baile Àtha Chliath, choilean Pàdraig dreuchdan aig Ionad Bàrdachd Séamus Heaney, Oilthigh na Banrighe Beul Feirste; Colaiste na Trianaide Baile Àtha Chliath agus Oilthigh Cholaiste Baile Àtha Chliath; agus aig Sabhal Mòr Ostaig, far an robh e na sgrìobhadair air mhuinntireas. Tha e cuideachd air obrachadh na neach-naidheachd agus riochdaire naidheachdan telebhisein don BhBC. 

Tha Pàdraig air leabhar a sgrìobhadh air obair Shomhairle MhicGill-Eain (RIIS, 2010) agus This Strange Loneliness: Heaney’s Wordsworth (McGill-Queen’s University Press, 2021), agus aistean air iomadh cuspair ann an litreachas na h-Alba agus na h-Èireann. Bha e na cho-dheasaiche a th’ ann cuideachd air dà leabhar de dh’ aistean – Sùil air an t-Saoghal agus Modern Irish and Scottish Poetry – agus trì duanairean: 100 Dàn as Fheàrr Leinn, The Golden Treasury of Scottish Verse agus An Leabhar Liath, a choisinn Duais Dhòmhnaill Meek agus duais Saltire airson an leabhar rannsachaidh as fhèarr dhen bhliadhna. Nochd a chuid bàrdachd ann am pamflaid an tòiseach, From Another Island (Clutag Press, 2010), agus anns na leabhraichean Gu Leòr agus Nàdur de, air fhoillseachadh le Acair ann an 2015 agus 2020.

’S e Seachdain Leabhraichean na h-Alba – a tha a-nis ann am bliadhna ceithir-deug – seachdain bhliadhnail a’ comharrachadh leabhraichean agus leughadh, is e a’ gabhail àite air feadh na dùthcha san t-Samhain. Tha an t-seachdain ga chumail bho 17-22 Samhain am-bliadhna, le cuspair ‘Càirdeas’. Ma thadhalas sibh sa Chafaidh, faodaidh sibh loidhne a chur ris a’ bhàrdachd choimhearsnachd againn mu chàirdeas; dè tha sin a’ ciallachadh dhuibhse.

Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.