Home > Event > Feasgar bàrdachd: Rumannan / Àite

Feasgar bàrdachd: Rumannan / Àite

Nach tig sibh còmhla rinn aig an fheasgar bàrdachd mìosail againn ann an Taigh Chearsabhagh air Diardaoin 23 Giblean, 7.30f?

’S e Rumannan / Àite a th’ againn mar chuspair airson na mìos seo, ach faodaidh sibh sin a mhìneachadh mar a thogras sibh fhèin! Bhiodh sinn air leth toilichte nan toireadh sibh leibh dàn as toigh leibh air a’ chuspair seo, ach chan fheum sibh leughadh mur a bheil sibh ag iarraidh. Chan fheum sibh ach tighinn ann agus èisteachd ri càch.

Tha seo an-asgaidh, ach bhiodh tabhartas beag feumail. Fosgailte don h-uile duine!

Bidh Pauline Prior-Pitt a’ cumail bùth-obrach sgrìobhaidh ann an Taigh Chearsabhagh air Disathairne 25 Giblean aig 10.30m. Tha a’ bhùth-obrach an-asgaidh ach chan eil mòran àite ann agus bu chòir tiogaid a ghlèidheadh ron àm.

Tachartasan ri thighinn:

28 Cèitean, 7.30f – Feasgar bàrdachd le Cynthia Roberson 

29 Cèitean, 10.30m – Bùth-obrach sgrìobhaidh le Cynthia Roberson 

16 Ògmhios, 7.30f – Cur air bhog leabhran Sgrìobhadairean Uibhist

25 Ògmhios, 7.30f – Feasgar bàrdachd le Niall Caimbeul                                                            

26 Ògmhios, 10.30m – Bùth-obrach sgrìobhaidh le Niall Caimbeul

Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.

Còir deilbhe: Peter Herrmann air Unsplash.