**Tha tiogaidean a bharrachd a-nis rim faighinn.**
Thigibh còmhla rinn airson feasgar de bhàrdachd beò, leis a’ bhàrd is aistear Kathleen Jamie.
Air bharrachd, bidh Kathleen a’ cumail bùth-obrach bhàrdachd aig Taigh Chearsabhagh madainn Dihaoine.
Rugadh Kathleen Jamie ann an Alba ann an 1962. An lùib na cruinneachaidhean bàrdachd aice tha The Overhaul, a bhuannaich Duais Bàrdachd Costa ann an 2012, agus The Tree House, a choisinn an duais Forward. Tha na h-aistean neo-fhicsean aice air an cruinneachadh ann an trì leabhraichean chliùiteach Findings, Sightlines agus Surfacing, uile air am meas nan tabhartasan cudromach don ‘sgrìobhadh nàdar ùr’.
Nochd an cruinneachadh bàrdachd as ùire aice, The Bonniest Companie ann an 2015, agus choisinn e duais Comann Crann na h-Alba airson an Leabhar Albannach as Fheàrr den Bhliadhna.
Tha ùidh aig Kathleen ann an arc-eòlas, nàdar agus àrainneachd, siubhal agus ealain. ’S ann ann am Beurla as motha a bhios i a’ sgrìobhadh, agus corra uair ann an Albais.
Tha Kathleen Jamie an-dràsta na Makar, no Bàrd Nàiseanta, na h-Alba.