Home > Event > FIU ’S NAS FHEÀRR – A’ tagradh dhut fhèin

Neuk logo

FIU ’S NAS FHEÀRR – A’ tagradh dhut fhèin

FIU ’S NAS FHEÀRR – A’ tagradh dhut fhèin – ’S e seisean fiosrachaidh agus bùth-obrach air-lòidhne a tha seo, neo-fhoirmeil agus an-asgaidh, air a lìbhrigeadh le Neuk Collective, lìonra a tha a’ toirt ri chèile, a’ toirt taic agus a’ tagradh airson luchd-ealain niùro-iomadach ann an Alba.

Tha an tachartas seo na phàirt de dh’iomairt EVEN HERE, EVEN NOW, prògram thachartasan a tha a’ cur taic ri agus a’ dèanamh tagradh às leth luchd-ealain / luchd-cruthachail stèidhichte sna h-eileanan, a tha ga lìbhrigeadh air feadh Sealtainn, Arcaibh agus Innse Gall.

Bidh earrann a’ bhùth-obrach den tachartas seo a’ coimhead air ‘Access Riders’ mar dhòigh air taic a chur ris an obair chruthachail agad.  Tha seo fosgailte don h-uile duine, chan ann dìreach do dhaoine a tha ciorramach no aig a bheil feumalachdan ìnntrigidh. 

Dè th’ ann an Access Rider agus ciamar a dh’fhaodadh e bhith na chuideachadh dhomh?

’S e sgrìobhainn a tha seo a tha a’ mìneachadh fheumalachdan inntrigidh sam bith a th’ agad agus/no ciamar a dh’fhaodadh taic a chur riut airson na h-obrach as fhèarr agad a dhèanamh.  Bidh mòran àiteachan a’ brosnachadh a h-uile duine gus seo a dhèanamh, leithid buidhnean chultarail, chan ann dìreach do dhaoine a tha ciorramach no niùro-iomadach.  Dh’fhaodadh Access Rider atharrachadh rè ùine, no bho phròiseact gu pròiseact, agus dh’fhaodar a thoirt do luchd-maoineachaidh agus do dhaoine no buidhnean eile leis a bheil thu ag obair.  Bidh mòran luchd-maoineachaidh a-nis a’ gabhail a-steach taic-airgid a bharrachd airson cosgaisean inntrigidh phearsanta.

Cò dhà a tha an tachartas seo?

Tha an tachartas seo fosgailte do luchd-ealain / luchd-cruthachail a tha bho, no stèidhichte ann an Sealtainn, Arcaibh agus Innse Gall.

Tha an ro-ràdh agus àm fiosrachaidh fosgailte do bhuidhnean ealain, cuideachd ann an Sealtainn, Arcaibh agus Innse Gall.

Airson tuilleadh fiosrachaidh agus airson àite a ghlèidheadh, leanaibh an ceangal seo gu Eventbrite

Leughaibh manifesto EVEN HERE, EVEN NOW an seo.  ‘S urrainn dhuibh barrachd a leughadh mun luchd-tagraidh an seo.

Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.