Tha fiathachadh agaibh tighinn còmhla rinn airson cur air bhog foillseachadh IN this DAY and AGE, le John Kippin agus Nicola Neate. ’S e foillseachadh de fìor chruinneachadh dhealbhan a tha seo, le teacsa na chois, a chaidh a chur ri chèile fhad ’s a tha John agus Nicola air a bhith a’ fuireach ann an Uibhist a Tuath. Fhuair an leabhar taic bho The Arts Council, Northern Gallery of Contemporary Art, Taigh-tasgaidh + Ionad-ealain Taigh Chearsabhaigh agus Urras Leverhulme. Chaidh IN this DAY and AGE fhoillseachadh le Kerber Verlag ann am Berlin agus thèid a thaisbeanadh aig Fèis Dheilbh Paris as t-foghar.
Bidh an leabhar ri fhaighinn aig prìs shònraichte aig an tachartas ann an Taigh Chearsabhagh. ’S e cruinneachadh mì-fhoirmeil a bhios an seo, air fhosgladh leis an Stiùiriche Simon Hart, agus cuiridh John agus Nicola fàilte oirbh uile. Cuiridh iad ainm ri na leabhraichean agus freagraidh iad ceistean sam bith a bhios agaibh.
–
Chaidh John Kippin agus Nicola Neate air thuras a dh’Uibhist a Tuath sa Ghearran 2019, airson pròiseact dhealbhadaireachd air mhuinntireas, In This Day and Age – co-cheangailte ri Daoine, Àiteachan agus Coimhearsnachd.
’S e pròiseact foillseachaidh a th’ ann an In This Day and Age a tha a’ meòrachadh air a’ bhuaidh agus na h-atharraichean culturail a tha air tachairt ann an Uibhist tro ghluasad dhaoine. Ann a bhith a’ rannsachadh an dàimh eadar daoine agus an cruth-tìre, taobh a-staigh co-theacsa an àite seo, tha In This Day and Age ag amas air tuigse nas fhosgailte a bhrosnachadh air mar a tha atharrachadh na gnàth-shìde a’ toirt buaidh air bith-iomadachd agus dualchas àitichean leithid seo.
Tro bhith a’ beachdachadh air na ceanglaichean a tha luchd-còmhnaidh ùr, cuide ri feadhainn a tha air tilleadh no a’ tadhal air an eilean, a’ cur ris an eilean seo, tha sinn ag iarraidh cuir ri deasbad a tha a’ coimhead às ùr agus uaireannan a’ ceasnachadh an t-seann tuairisgeul chulturail a tha tric ga thabhann air sgìrean dùthchail iomallach. Tha sinn an dòchas, tro obrachadh leis a’ choimhearsnachd agus a’ gabhail dhealbhan air an cruth-tìre agus an àrainneachd, cuide ri dealbhan air cuid den luchd-còmhnaidh ùr (a’ mhòr-chuid a tha air taghadh fuireach agus obrachadh ann an Uibhist) gun tog sinn air iomadh beachd co-cheangailte ri àitichean, buntainn, ceanas chulturail agus fèin-aithne.
Trì bliadhna an dèidh siubhal chun an eilein an toiseach, tha Nicola agus John an-dràsta a’ fuireach agus ag obair ann an Uibhist a Tuath.
Còir-deilbh: Kippin & Neate, 2022