Home > Event > Glac a’ Ghaoth | Catch the Wind

Glac a’ Ghaoth | Catch the Wind

’S e Glac a’ Ghaoth taisbeanadh ùr de dh’obair ealain à Uibhist, ga shealltainn ann an Gailearaidh a’ Chafaidh.

Tha an neach-ealain, Margaret Fenton, a’ fuireach agus a’ peantadh ann an Uibhist a Tuath.

“Dhomhsa, tha peantadh a’ sgrùdadh na tha thu a’ faicinn, na tha thu a’ faireachdainn agus nach urrainn dhut ainm a chur air. ’S e cuairt cruthachail a th’ ann, a’ glacadh neart an àite agus faireachdainn air càite a bheil thu fhèin taobh a-staigh an àite sin.

“Tha an t-sreath obrach as ùire agam, ‘Glac a’ Ghaoth’ a’ tighinn mar fhreagairt bhuamsa air Foghar is Geamhradh 2025-26 ann an Loch Euphort, bha a bheil mi air a bhith a’ fuireach agus ag obair bho chionn mòran bhliadhnaichean. Tha an ceum eadar an taigh agus an stiùidio, tron ghàrradh a-mach gu pàirceanan sgaoilteach na croit, a’ brosnachadh a’ chiad bheachd. Tha pròiseas ann an dèanamh dealbh a-muigh, a’ feuchainn collage agus a’ togail suas còmhdachd de pheant, a’ sìor dhèiligeadh le uachdar na deilbhe airson faireachdainn an àite sin a ghlacadh.”

Tha Glac a’ Ghaoth ri fhaicinn an-asgaidh ann an Gailearaidh a’ Chafaidh, bho 4 Giblean – 30 Cèitean 2026, Diluain-Disathairne, 10m-4f. Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.

Còir-deilbhe: Margaret Fenton.