Ceòl is Òrain bho na h-Innseachan: Clasaigeach, Cràbhach, bhon Tuath is Sufi
Thigibh dhan Chafaidh air Dihaoine 31 Iuchar, 6-7f, airson taisbeanadh ciùil is òrain bho na h-Innseachan, le Gyan Singh agus Seema Bhardwaj Singh.
Stèidhichte ann an Delhi, tha Gyan Singh cliùiteach na neach-ciùil ceòl chlasaigeach bho na Innseachan agus an tabla, an dèidh bliadhnaichean de dh’ionnsachadh bho Ustad Abdullah Khan nach maireann. Tha e air cluich air feadh an t-saoghail, aig fèisean ciùil agus pròiseactan eadar-nàiseanta.
Tha Seema Bhardwaj Singh na seinneadair phròifeiseanta agus oide ciùil, stèidhichte ann an Delhi, ainmeil airson a h-èolais ann an ceòl bhon tuath, Sufi, Ghazal, agus Retro Bollywood. Thòisich an t-ionnsachadh aice aig aois 6, is i ga thogail bho màthair a bha na seinneadair i fhèin. Le oideachadh fhoirmeil bho Gandharva Mahavidyalaya, tha i ainmeil airson an t-seinn binn aice ann an stoidhlichean ciùil bho na h-Innseachan leithid Thumri agus Dadra.
Gheibh sibh tiogaidean gu h-ìosal, pàighibh na thogras sibh. Fàilte ron h-uile duine!
