Am bu toigh leibh sgeulachd ghoirid a sgrìobhadh, le barrachd is aon deireadh? A bheil thu ag iarraidh feuchainn air bàrdachd le loidhnichean a ghabhas an leughadh ann an òrdan sam bith? An robh sibh riamh ag iarraidh geama bhideo a dhèanamh ach gun fhios agaibh càite an tòisicheadh sibh?
Thigibh còmhla ri bàrd is sgrìobhadair Eve NicLachlainn airson dà bhùth-obrach ann an sgrìobhadh eadar-ghnìomhach, ag ionnsachadh mar a nì sibh ficsean, aistean, agus bàrdachd nach eil dìreach ga leughadh, ach air an dèanamh a rèir roghainnean is gnìomhan nan leughadairean.
Sa chiad bhùth-obrach, ionnsachaidh sibh mar a nì sibh teacsa eadar-ghnìomhach an dà chuid le peann is pàipear, agus le Twine, prògram didseatach a tha freagarrach air luchd-tòiseachaidh. Agus bidh ùine gu leòr agaibh an dèidh sin airson sgrìobhadh mar a thogras sibh fhèin agus feuchainn na rudan agaibh pèin.
An ceann ceala-deug, coinnichidh sinn a-rithist airson bruidhinn air na pròiseactan againn, agus airson beagan dòighean-obrach nas adhartaiche fheuchainn, leithid roghainnean cumhach.
Glèidhibh tiogaid an-asgaidh gu h-ìosal, airson In (Y)our Hands: toiseach tòiseachaidh air sgrìobhadh eadar-ghnìomhach, air Disathairne 14 agus 28 Ògmhios, 4f – 9f. Thoiribh fa-near gu bheil an dà bhùth-obrach seo còmhla agus bu chòir dhuibh a bhith an làthair air an dà cheann-là.
Thoiribh leibh an t-inneal agaibh fhèin airson an sgrìobhadh didseatach sa bhùth-obrach! ’S e laptop as fheàrr, ach dh’obraicheadh tablet no smartphone cuideachd. Bidh sinn a’ cleachdadh Twine agus tha seo an-asgaidh, chan fheum sibh dad a luchdachadh a-nuas!
Bidh uair a thìde ann gach latha airson dìnnear, feuch gun toir sibh rudeigin leibh ri ithe. (Bidh beagan dheochan rim faighinn.) Tha na bùthan-obrach an-asgaidh ach bhiomaid toilichte le tabhartas airgid beag ma ’s urrainn dhuibh.
