Stàladh sholas a tha eadar-ghnìomach is sònraichte don ionad le Pekka Niittyvirta & Timo Aho
Le bhith a’ cleachdadh mhothaichearan, tha an stàladh a’ beantainn ri atharrachadh na tìde-mara; cuirear thuige e le muir-làin. Bidh an obair seo na comharra lèirsinneach air an àrdachadh a tha ri teachd air ìre na mara.
Bheir an stàladh sùil gheur air buaidh sgràthail mhic an duine air nàdar, agus mar a mhaireas i san ùine fhada. Brosnaichidh an obair còmhradh air a’ bhuaidh a bhios aig àrdachadh ìre na mara air sgìrean oirthireach, an luchd-còmhnaidh, agus cleachdadh am fearainn san àm ri teachd.
Tha an cuspair seo buntainneach dha-rìribh ri fearann ìosal Uibhist sna h-Innse Gall ri còrsa mòr-thìr na h-Alba, agus gu sònraichte ri Taigh-tasgaidh is Ionad-ealan Taigh Chearsabhagh ann an Loch nam Madadh, far a bheil an stàladh air a shuidheachadh. Chan fhaod an t-ionad tuilleadh leudachaidh a dhèanamh na àrainn fhèin air sgàth nan stoirmean- is nan ìrean-mara ris a bheil dùil.
Thugadh taic dhan phròiseact seo le Ionad Brosnachadh Ealain na Fionnlainne:
http://www.taike.fi/en
Luchd-Ealain
Timo Aho (r.1980, an Fhionnlainn)
Tha an obair ioma-chùiseach aig Tim Aho a’ cnuasachadh na dàimhe eadar mac an duine is an nàdar ann an sòisealtas teicneòlasach a dh’atharraicheas ro-luath. Suathaidh obraichean Aho ri obair-shnaidhidh, eadraiginn, agus ealain-stàlaidh. Nì e teicneòlas modran, obair-shnaidhidh dhùthchasach, agus peantadh a chothlamadh chum breithneachadh air na coincheapan ‘s na beachdan seo ann an saoghal luasganach, sùighte anns nach eil cultar ach cugallach.
Nochd Aho obair fhèin ann an taisbeanaidhean aon-neach is ioma-neach maraon, is thaisbein e obraichean-ealain poblach san Rìoghachd Aonaichte agus san Fhionnlainn. Chruthaich e stàlaidhean is eadraiginnean ann an Nirribhidh, san Danmhairg, sna Tìrean-Ìsle agus ann an caochldh dhùthchannan Eòrpach eile.
Cheumnaich Aho le BA le Urram à Prògram Obrach-snaidhidh is na h-Àrainneachd aig Sgoil Ealain Ghlaschu ann an 2016. Tha Aho a’ còmhnaidh ‘s ag obair eadar Glaschu, Helsinki agus Tamokdalen an ceann a tuath na Nirribhidh, far a bheil e ag obair air pròiseact fad-ùineach ealaine àrainneachdail.
aho.timo@gmail.com
+44 7871 566 454
Pekka Niittyvirta (Fionnlainneach, r.1974 a’ còmhnaidh ‘s ag obair ann an Helsinki)
Tha Pekka Niittyvirta na neach ealain a dh’obraicheas san trasnadh eadar dealbh-thogail, stàladh, is teicneòlasan ìomhaighe eile. Obraichidh e air pròiseactan a ghabhas a-steach iomadh seòrsa astataig agus sùsbainte, is iad nan tasgadh de dh’obraichean a tha a’ dùr-bhreithneachadh air fìorachdan a chruthaichear dhuinn le sòisealtas.
Tha Niittyvirta a’ taisbeanadh a chuid obrach gu h-eadar-nàiseanta bho 1990 ann an taisbeanaidhean aon-neach is ioma-neach maraon. Dh’ainmicheadh e air geàrr-liosta Duais Fotofinlandia ann an 2004, 2006, 2014 & 2016. A bharrachd air sin, fhuair e Duais na Bliadhna airson Ealaine Àrainneachdail anns an Fhionnlainn ann an 2014.
Tha obraichean leis-san air an cunntadh san àireimh ann an iomadh taigh-tasgaidh agus cruinneachadh prìobhaideach: Kiasma Museum of Contemporary Art / Finland; Serlachius Museum / Finland; The Palestine Museum / Ramallah, Helsinki Art Museum / Finland, The State art collection of Finland.