Home > Event > Little Murmur

Image of a man with hands raised in a bird shape, against a backdrop of white flying birds.

Little Murmur

Coimhead air bodhaigean agus faclan ag itealaich mar ealtan eòin, dùrdail, crònan beag..

 

’S e taisbeanadh ùr dannsa theatair a th’ ann an Little Murmur, fosgailte don h-uile duine, teaghlaichean is sgoiltean.  Na lùib tha tilgeil ìomhaighean ann an dòigh gu tur ùr, raon fuaim iongantach agus cathadh pàipear is confetti.  Bidh Taigh Chearsabhagh a’ sealltainn Little Murmur aig Sgoil Uibhist a Tuath an dèidh sreath de thaisbeanaidhean is bùthan-obrach do sgoilearan aig na ceithir bun-sgoiltean ann an Uibhist.

Chaidh Aakash Odedra a chomharrachadh le dyslexia aig aois òg agus bha an sgoil gu math doirbh dha: bha e a’ sgrìobhadh ainm ceàrr gus an robh e 21 bliadhna a dh’aois agus cha b’ ann gus an do “lorg e an A a bha a dhìth” a bha e a’ faireachdainn buinteanas.  Air aithneachadh air sgàth na duilgheadasan ionnsachaidh aige, seach na comasan aige, bha dannsa na dhòigh dha a bhith ga chur fhèin an cèill.

A’ measgachadh dealbhadh lèirsinneach agus teicneòlas le dannsa agus àbhachdas, tha Little Murmur a’ sgrùdadh na fìrinn chlaon mu bhith beò ann an saoghal a tha doirbh dhut a làimhseachadh.  Stèidhichte air an taisbeanadh dhrùidhteach aig Aakash, Murmur 2.0, tha a’ chuirm iongantach lèirsinneach seo na chòmhradh onarach bhon chridhe, mu na duilgheadasan ann a bhith beò le dyslexia, a’ cur aghaidh ri dùbhlain agus a’ faighinn làmh an uachdair air trioblaidean.  

Sreath sgoinneil de bheò-dhealbhadh… gluasad sàr-bhriathrach An t-Albannach

’S e coimisean a th’ ann an Little Murmur, mar phàirt de Vital Spark. Tha Vital Spark na iomairt airson aghaidh a chur ri gainnead iomadachd ann an raon Taisbeanaidhean airson Luchd-èisteachd Òg.  

Tha an taisbeanadh seo air a lìbhrigeadh ann an com-pàirteachas le Puppet Animation Scotland mar phàirt den phrògram Captivate: Uists.