Tha David Attenborough a’ lìbhrigeadh a theachdaireachd dòchais as motha anns an fhilm ùr iongantach, Ocean with David Attenborough.
Seallaidh an craoladair is filmeadair cliùteach mar a tha an cùrsa beatha aige fhèin air tighinn an cois linn shònraichte ann an rannsachadh mara. Bidh dealbhan-film iongantach gar bogadh ann am mìorbhail beatha fon mhuir, agus a’ taisbeanadh na fìor dhùbhlain a tha mu choinneimh na cuantan againn, mar nach fhacas a-riamh roimhe. Ach ’s e sgeulachd le misneachd a th’ ann, is Attenborough gar stiùireadh gu sgeulachdan brosnachail bho air feadh an t-saoghail, airson an teachdaireachd as motha aige a thoirt seachad: ’s urrainn don chuan tighinn am feabhas gu ìre glòrmhor nach fhacas duine beò roimhe.
‘Ga sgaoileadh air a’ cho-là-breith aige aig aois 99 bliadhna agus ga thoirt seachad ann an co-theacsa a’ chùrsa-beatha shònraichte aige, tha ùghdarras Sir David co-ionnan a-mhàin ri mòrachd nàdar fhèin san fhilm seo a tha na iongnadh dhar sùilean.’ The Guardian
Bidh Ocean ga shealltainn ann an Talla Chàirinis air Dihaoine 12 Sultain, aig 7f. Glèidhibh tiogaidean tron t-siostam thiogaidean ‘Pàigh na Thogras Tu’ gu h-ìosal, far an urrainn dhuibh fhèin taghadh de phrìs a tha sibh ag iarraidh pàigheadh airson tiogaid.
Airson fios às ùr air a’ phrògram agus fiosrachadh co-cheangailte, ’s urrainn dhuibh a’ chuairt-litir aig UistFilm iarraidh an seo. Tha UistFilm a’ faighinn taic bho Film Hub Scotland agus an British Film Institute.
95 mionaid. PG
Booking
Bookings are no longer available for this event.
