Home > Event > Oidhche Bàrdachd le Anne Frater agus Pàdraig MacAoidh

A stylised cover that has a variety of shades of pink in the background. The middle ground features two photographs, one being a lady named Anne Frater on the very right side and the other being a man named Peter MacKay on the left side of her. The foreground features a little man with dark brown hair and moustache, he is wearing a light blue jumper and striped orange trousers. He is holding a white sign promoting Book Week Scotland 2021. Behind him is some more pink promotional graphics with three cartoon characters celebrating this event.

Oidhche Bàrdachd le Anne Frater agus Pàdraig MacAoidh

Mar phàirt de phrògramadh Seachdain Leabhraichean na h-Alba 2021, bidh na bàird Anne Frater agus Pàdraig MacAoidh còmhla rinn tro Zoom air Dihaoine aig 7.30f gus na dàin aca a leughadh ann an Gàidhlig, le eadar-theangachaidhean Beurla. Leigidh Anne agus Pàdraig a-steach sinn air a’ phròiseas sgrìobhaidh aca, agus an eòlas air a bhith ag obair gu dà-chànanach.

À Pabail Uarach ann an Leòdhas.  An dèidh bliadhnaichean ann an Glaschu ag obair anns na meadhanan, tha i a-nis air ais ann an Leòdhas mar àrd-òraidiche air ceumannan Gàidhlig Cholaisde a’ Chaisteil UHI.  Tha i air dà cruinneachadh de a bàrdachd fhoillseachadh: Fon t-slige (1995) agus Cridhe creige (2017).

Rugadh agus thogadh Pàdraig MacAoidh air Eilean Leòdhais. ’S e bàrd, craoladair agus òraidiche a th’ann, agus tha e a’ teagasg Litreachais aig Oilthigh Chill Rìmhinn. Tha dà leabhar bàrdachd aige, Gu Leòr / Galore (Acair 2015) agus Nàdur De / Some Kind of (Acair 2020). 

Feuch an glèidh thu àite gus am faigh thu cuireadh Zoom airson an fheasgair.

Is e ‘Comharrachadh’ an cuspair a chaidh a shuidheachadh airson Seachdain Leabhraichean na h-Alba 2021. Aig Taigh Chearsabhagh, tha sinn a’ comharrachadh bàrdachd Gàidhlig agus Beurla. Ann an nota gu COP26, bidh sinn a’ roinn dàin a bhios a’ comharrachadh no a’ nochdadh dragh mun àrainneachd againn.