Thigibh còmhla rinn airson òraid le Jack King, a bhios ag innse dhuinn mu phròiseact ‘Fuaim na Mara’.
’S e pròiseact rannsachaidh a th’ ann an ‘Fuaim na Mara’, ag amas air sealltainn mar a ghabhas a’ mhuir a thuigsinn tro mheacanaigs shruthach.
Gu tric tha dearmad ga dhèanamh air meacanaigs sruthach, ged a tha seo a’ toirt buaidh air gach pàirt den bheatha againn. Bhon eàdhar nar n-anail chun fhala nar cuislean; ar biadh is deoch; an teas dha na dachannan againn; na baidhsagalan, càraichean, aiseagan agus treànaichean air am bi sinn a’ siubhal; na h-aibhnichean, cuantan, sgòthan, gaoth is uisge a tha mu thimcheall oirnn; tha meacanaigs sruthach na lùib uile.
Tha Jack na rannsaiche acadaimigeach aig Oilthigh Mhanchester, ag obair air saidheans aig briseadh nan tonn:
“Tha mi air mo ghlacadh, bho shealladh shaidheansail, leis mar a bhios lionntan gan giùlain fhèin, ach cuideachd bho thaobh tlachd, agus tha fhios nach eil mi nam aonar leis a seo. Do mhòran, tha priobadh an teine gan glacadh, plubraich na h-aibhne, no bualadh nan tonn air tràigh, a’ tarraing faireachdainn làidir agus cuimhneachain. Gu dearbha, dhomhsa, b’ ann air iomadh turas a dh’Innse Gall nam òige a thog mi ùidh ann an meacanaigs shruthach an toiseach.”
Tha Taigh Chearsabhagh, ann an co-bhann ri Jack King, a’ tabhann coimisean airson obair ealain air a bhrosnachadh le ceanglaichean agus eòlas dhaoine air fuaim na mara. Dh’fhaodadh seo a bhith tro ìomhaighean agus faclan, mar eisimpleir, dealbhan, bàrdachd agus peantadh.
Thèid an obair bhon choimisean a shealltainn ann an taisbeanadh dà-chànanach air chuairt, an cois a’ mhìneachaidh saidheansail agus pìos ciùil & bhideo bho choimisean shònraichte, a’ gabhail a-steach dàta shaidheansail agus clàraidhean air fuaim na mara timcheall Innse Gall.
Gheibh sibh Tuairsgeul a’ Choimisein an seo: Sound of the Sea Commission
Ge brith a bheil ùidh agaibh san rannsachadh saidheansail no sa choimisean ealain, feuch gun tig sibh a chluinntinn barrachd mun phròiseact ùr tharraingeach seo, air Diciadain 17 Sultain aig 7f. An-asgaidh agus fosgailte don h-uile duine.
