Home > Event > Òraid: ‘Rigby’s Encyclopedia of the Herring’

Òraid: ‘Rigby’s Encyclopedia of the Herring’

Cuairtean le Rìgh an Èisg

Thigibh a Thaigh Chearsabhagh air Diluain 25 Cèitean, 7f, a dh’èisteachd an sgrìobhadair, còcaire, craoladair agus riochdaire, Graeme Rigby, ùghdar ‘Rigby’s Encyclopedia of the Herring’, a’ bruidhinn mun leabhar agus gach nì co-cheangailte ri Sgadan.

Chan eil crìoch air na th’ ann de dh’fhiosrachadh àlainn ri ghlacadh ann an lìon leabhar mòr-eòlais sgadain, is mar sin chan eilear a’ feuchainn ri crìoch a thoirt air. Tha gach earrann ri fhaighinn a rèir na h-aibidil agus a rèir cuspair: eachdraidh, saidheans, cultar, iasgach agus/no biadh. A’ tarraing air iomadh leabhar, artaigeil, tùsan air-loidhne agus rannsachadh, tha a’ mhòr-chuid a dh’earrannan ag aithneachadh, bho cho fada air ais ris an 16mh linn, gur e iasg comaigeach a th’ anns an sgadan. Tha na sgeulachdan, air an toinneadh le ur cuid fhèin, dualtachd sealltainn faoineis mhic an duine, a tha cuideachd gun chrìoch.

Tha Graeme, a tha a’ fuireach ann an Gateshead, air sgrìobhadh, taisbeanadh, foillseachadh agus riochdachadh bàrdachd, nobhail, theatair ciùil, comadaidh rèidio, agus prògram aithriseach air iasg. Dh’fhàs an leabhar mòr-eolais aige, a bha air a’ gheàrr-liosta airson an ‘Nach Waxman Prize for Food & Drink Scholarship’ bho sreath air BBC Radio 4 mu dheidhinn iasg grèidhte, ‘Rigby’s Red Herrings’, agus an làrach-lìn bhlogaichean is pod-chraolaidhean herripedia.com.

Glèidhibh na tiogaidean agaibh gu h-ìosal airson leum a-steach gu saoghal an sgadain. Pàighibh na thogras sibh!