Home > Event > PEAKS: Cladach / Mullach – LÀN!

PEAKS: Cladach / Mullach – LÀN!

**Tha an tachartas seo a-nis làn.**

Tha Chamber Music Scotland a’ taisbeanadh Peaks – dithis luchd-ciùil le ceòl dearbhaidh dùthchasach. Thigibh còmhla rinn ann an Taigh Chearsabhagh airson Cladach / Mullach, prògram ciùil stèidhichte air sgeulachdan beul-aithris eileanach.

’S e compàirteachas ciùil a th’ ann an Peaks, le George Mac a’ Ghobhainn air an fhidheall agus Duncan Strachan air an cello, ’s iadsan nan leth den Maxwell Quartet aig a bheil cliù eadar-nàiseanta. ’S e ‘Cladach/Mullach’ am pròiseact as ùire aca, is an ceòl air a chur ri chèile airson ionnsramaidean acoustic agus pìosan clàraichte, stèidhichte gu ìre air beul-aithris a tha ag innse mar a thàinig ceòl dha na h-Eileanan an Iar, is sin a’ tighinn a-steach tro chlàradh thasglainn den sgeulachd ga aithris sa Ghàidhlig le Ùisdean MacRath à Dùn Bheagain. 

Tha an sgeulachd ag innse mar a tha fireannach òg a’ lorg ionnsramaid-theud a th’ air tighinn gu tìr air a’ chladach, agus a nì fuaim eireachdail nuair a tha a’ ghaoth a’ sèideadh thairis nan teud. Chan urrainn dha fhèin a chluich is mar sin tha a mhàthair a’ tionndaidh chun sgoil-dhubh gus iomlaid a dhèanamh air a h-anam, airson comas a mic an t-ionnsramaid a chluich. Ach nuair a gheibh esan a-mach dè rinn i, chan urrainn dha ach ceòl muladach a chluich air.

Tha Mac a’ Ghobhainn agus Strachan air an sgeulachd seo a chleachdadh agus air 50 mionaid de cheòl dhruidheachd fhighe ri chèile, a’ dèanamh deilbh tro cheol air cruthan-tìre na h-Eileanan an Iar, an dà chuid blian agus breàgha. A’ gabhail a-steach modhan ciùil thraidiseanta agus fuaimean theud iar-minimeilach, ’s e turas dian-ghlacadh a th’ ann agus a’ meòrachadh air traidisean, toirt seachad sgeulachdan agus an ceangal a th’ aig ceòl leis an tìr.

Feuch nach caill sibh an taisbeanadh ciùil beò seo, agus a’ chiad oidhche aig Taigh Ciùil am-bliadhna! Glèidhibh tiogaidean gu h-ìosal, aig a’ phrìs a thogras sibh fhèin.

Bha an obair seo na choimisean airson fèis Magic Mountain san Eilean Sgitheanach ann an 2024 agus bidh e air chuairt air taobh an iar na h-Alba, agus ga chlàradh ann an 2025 san Eilean Sgitheanach.