Nach tig sibh gu Taigh Chearsabhagh airson ro-shealladh den taisbeanadh ùr Euchdan Eigheachdail. Bidh na gailearaidhean fosgailte bho 6.30f leis an neach-ealain Mary Walters, agus an uairsin cruinnichidh na luchd-ealain Elizabeth Bourne, Adam Sébire agus Martin Disley comhla rinn air Zoom aig 7f airson còmhradh mu dheidhinn an obair aca. Bidh aoigh sònraichte an t-Àrd-ollamh Peter Nienow cuideachd a’ tighinn còmhla ris a’ chòmhradh mar chomhairliche saidheansail don luchd-ealain, agus mar neach-rannsachaidh eigh-shruthan agus clàran-deighe.
Bidh seo na thachartas beò aig Taigh Chearsabhagh le tachartas Zoom co-shìnte dha daoine a b’ fheàrr leotha a bhith an làthair air-loidhne. Feuch an glèidh thu tiogaid gu h-ìosal gus ceangal Zoom fhaighinn, no gus clàradh airson frithealadh gu pearsanta.
Dealbh: Still bho AnthropoScene IV : Adrift (Asea-ice) le Adam Sébire