Tha an taisbeanadh seo mar pàirt de rannsachadh tharais air aon bliadhna a chaidh a dhèanamh le Fiona NicÌosaig air a’ phrògram MRes Creative Practice tro Shetland College UHI.
Bha an rannsachadh aig Fiona stèidhichte air an Uncanny, Weird and Eerie ann an co-theacsa Gàidhlig na h-Alba le fòcas sònraichte air beul-aithris Uibhist a Tuath, Beinn na Faoghla agus Uibhist a Deas. Rinn an obair sgrùdadh air a’ bheachd gur e fearann ??an t-Saoghail Eile a bh’ ann san fhàsach, le fòcas air sgìre shònraichte de mhonadh Uibhist a Tuath far an robh Fiona fhèin air mothachadh a dhèanamh air faireachdainnean co-cheangailte ris an Uncanny, Weird and Eerie. Tha an cuspair seo cuideachd air toirt air Fiona beachdachadh air a’ bhuaidh a bhios aig atharrachaidhean eag-eòlasach agus na gnàth-shìde air mar a bhios sinn a’ faighinn eòlas air an t-sealladh-tìre agus tha sinn an dòchas tro na dealbhan agus film a tha san taisbeanadh seo gun tòisich thu a’ faighinn eòlas air na faireachdainnean air a bheil Fiona a-mach air anns an rannsachadh aice.
Thigibh còmhla rinn airson ro-shealladh fosglaidh air Disathairne 8 Dàmhair, aig 6f. Bheir Fiona iomradh sa Ghàidhlig air an obair ùr aice, agus bheir i seachad òraid air an rannsachadh aice agus na dòighean-obrach cruthachail an lùib Samhlaidhean.
Tha Samhlaidhean an-asgaidh agus fosgailte don h-uile duine bho Dhiluain gu Disathairne, 10m – 4f, ann an Gailearaidh 2 aig Taigh Chearsabhagh.
Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.
Dealbh: Friamh – Cas Shìthiche, Dealbh digiteach, 2022