**Gu mì-fhortanach chan urrainn dhuinn Faodail a shealltainn sa Screen Machine air Disathairne air sàilleabh duilgheadas teicnigeach. Feuchaidh sinn seo a chur air dòigh airson an ath thuras a bhios an Screen Machine a’ tadhal an Uibhist.**
Sa Ghàidhlig le fo-thiotalan Bheurla.
Thèid Faodail a shealltainn leis an Screen Machine ann an Lìonacleit air Disathairne 1 Màrt. Bidh seo a’ togail airgid airson an Screen Machine. Tha tiogaidean a’ cosg £10, is thèid gach sgillinn gu iomairt an Screen Machine airson cinema-gluasadach ùr fhaighinn. Gabhaidh tiogaidean an ceannach air làrach-lìn an Screen Machine.
Tha Tasglann Fhilm Faodail a’ tarraing aire gu filmichean dhùthchasach Innse Gall bho na 1930an gu na 80an, a bha caillte ach a-nis glèidhte don ghinealach ri teachd. Tha bhana Cinema Sgìre Leantainneach a’ siubhal nan eilean, a’ taisbeanadh fhilmichean sna sgìrean ionadail, le cothrom am faicinn air-loidhne air feadh an t-saoghail. Cuirear aithris bheairteach ùr riutha, a’ buntainn ris a’ Ghàidhealtachd, airson luchd-amhairc an là an-diugh.
Bidh Stiùiriche an fhilm, Andy MacFhionghuin a’ cumail seisean Ceist & Freagairt an dèidh làimhe.
Cosgaidh tiogaid £10, an aon phrìs don h-uile duine. Gheibh sibh tiogaidean aig: https://www.screenmachine.co.uk/films/faodail-found-film/
