Home > Event > Sgeir a’ Chòmhdhalaich: san gneiss Leòdhasach

Sgeir a’ Chòmhdhalaich: san gneiss Leòdhasach

Ann an Sgeir a’ Chòmhdhalaich tha an luchd-ealain Jake Harvey agus Helen Douglas a’ toirt dhuinn eadar-mhìneachadhaidh tro ìomhaigean air gneiss Leòdhasach ioma-fhillte an Uibhist a Tuath, a tha 3 billean bliadhna a dh’aois. Ag obair le meadhanan eadar-dhealaichte, le clach air a chruinneachadh agus air ath-chuairteachadh, ìomhaighean/clò-bhualadh dhealbhan agus cruth leabhraichean, tha an luchd-ealain air cruinneachaidhean obrach fa leth a chruthachadh bhon rannsachadh aca: a’ gabhail àite ann an cruth obair ealain 3D air an ùrlar, a’ bhalla, ceasaichean glainne agus an sgeilp.

Tha an sgrùdadh aca air Gneiss Leòdhasach, an cruth-tìre na chois agus cruth-atharrachadh geòlasach air togail cuid a chuspairean co-ionnan tron rannsachadh is tron chruthachadh aca. Anns a’ phròiseas, tha àiteachan coinneachaidh ioma-fhillte air nochdadh, a bharrachd air na freagairtean air leth aca tron mhothachadh pearsanta aca fhèin, diofar dòighean-obrach agus an roghainn mheadhanan aca.

‘S urrainn dhuibh lèirmheas air an taisbeanadh, air a’ sgrìobhadh le Kate Robinson, a leughadh ann an ArtMag: Everything Flows

agus lèirmheas san t-Sultain 2025 ann an Naidheachdan Ealain na h-Alba: Helen Douglas & Jake Harvey – Meeting Point within the Lewisian Review

Thigibh còmhla rinn airson feasgar fosglaidh Sgeir a’ Chòmhdhalaich: san Gneiss Leòdhasach, ann an Taigh Chearsabhagh air 18 Iuchar, 7f. Bidh deochan is greimean-bìdhe ann, le urrasachd bho Thaigh-staile Uibhist a Tuath agus Taigh-smocaidh Innse Gall. Tha fàilte oirbh tighinn airson a’ chiad sealladh air an obair iongantach seo. (Bhiodh e na chuideachadh dhuinn nan cuireadh sibh fios gu andy@taigh-chearsabhagh.org gus am bi beachd againn air cia mheud a tha tighinn.)

Aig an ro-shealladh bidh sinn cuideachd a’ cur air bhog foillseachadh an taisbeanaidh: MEETING POINT Within the Lewisian. Tha an leabhar, le còmhdach chruaidh agus 96 duilleagan dathte, làn dhealbhan air obair an luchd-ealain agus aistean bhrìoghmhor. Gheibh lethbhreac ann am bùth Thaigh Chearsabhagh no sa bhùth air-loidhne againn, airson £20 (+£5 postadh). Tha an luchd-ealain agus Taigh Chearsabhagh a’ toirt taing don luchd-maoineachaidh a thug taic don leabhar: RSA Blackadder Houston Fund, Henry Moore Foundation, James Hutton Institute agus Hope Scott Trust. Airson tuilleadh fiosrachaidh tadhalaibh air a’ bhùth air-loidhne againn.

Tha Douglas agus Harvey air feuchainn ri co-pàirteachadh tuigse geòlach air doimhneachd ùine agus a’ chumhachd àibheiseach a tha ag obair ann an cruth-tìre Uibhist, airson an fhìrinn fhèin mu chànan bheò Nàdair a thoirt am follais. Juliet Kinchin

Bidh Jake Harvey agus Helen Douglas cuideachd a’ tabhann cuairt timcheall an taisbeanaidh, air Disathairne 19 Iuchar, bho 2-4f. Glèidhibh tiogaid an-asgaidh airson sealladh nas doimhne air an sgrùdadh is eadar-mhìneachadh aca air cuid den chreag as sine san t-saoghal, an seo sna h-Eileanan an Iar.

Chì sibh Sgeir a’ Chòmhdhalaich an-asgaidh ann an Gailearaidh 1 + 2, Diluain gu Disathairne 10m – 4f, bho 19 Iuchar – 27 Sultain. Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.