Tha sinn air ar dòigh gu bheil Sian a’ tadhal, mar phàirt den chuairt aca air feadh Alba leis a’ chlàr ùr, araon.
Air an toirt còmhla an toiseach aig fèis Blas ann an 2016, airson obair bana-bhàird a chomharrachadh, tha Sian a’ tarraing ri chèile triùir sheinneadair òg Gàidhlig le tàlant àlainn – Ceitlin Lilidh, Eilidh NicCarmaig agus Ellen NicDhòmhnaill – le taic bho fhear ciùil ioma-ionnsramaid air a bheil fèill mhòr (agus Gàidhlig cuideachd), Innes White. Le ceanglaichean làidir aig na seinneadairean le Leòdhas, an t-Eilean Sgitheanach agus Uibhist a Tuath, tha an rèiteachadh ciùil aca a’ toirt fhaireachdainnean làidir airson traidisean làimh ri co-sheirmean dhàna is mac-meanmnach. Tha an obair aca air coimeas a tharraing le The Staves agus fiù ’s Crosby, Stills, Nash & Young. Chaidh a’ chiad chlàr aca, le n-ainm fhèin, a riochdachadh le Dòmhnall Seathach agus a chur air bhog ann an 2020.
“Àrsaidh agus ùr aig an aon àm, agus gun a-riamh a bhith nas lugha na iongantach.” – The National
A’ seinn ann an Talla Bheàrnaraigh air 18 Samhain, aig 7.30f, glèidhibh tiogaidean ron àm, tron t-siostam air-loidhne againn gu h-ìosal. Nuair a bha Sian an seo mu dheireadh ann an 2023, chaidh a h-uile tiogaid a reic is mar sin bu chòir an glèidheadh ron àm! Dh’fhaodadh beagan thiogaidean a bhith air fhàgail aig an doras (le airgead seach cairt creideas),ach chan urrainn dhuinn gealltanas a thoirt seachad.
Cha bhi bàr ann ach faodaidh sibh ur cuid fhèin a thoirt leibh ma thogras sibh.
Booking
Bookings are no longer available for this event.
