Home > Event > Siubhal agus Conaltraidhean

Siubhal agus Conaltraidhean

Am post, cabhsairean agus an dealan – atharraichean a thug cruth ùr air na h-eileanan againn. Seo sgeulachd siubhail is conaltraidh sna h-Eileanan an Iar.

Bidh fàilte bhlàth romhaibh ann an Taigh Chearsabhagh air Disathairne 26 Sultain aig 2f, airson fosgladh an taisbeanaidh ùir seo bho Chomann Eachdraidh Uibhist a Tuath.

Bho raointean adhair air an tràigh gu busaichean a’ phuist, bho lampaichean Tilley gu càballan fon uisge – an dòigh a ruigeadh am post agus mar a chaidh an dealan air.

Tha daoine an seo aig a bheil cuimhne air a bhith ag iomradh chun bhùth airson aran is bainne, no feitheamh air an làn gus am faigheadh iad tarsainn na fadhla. Tha cuid eile nach diochuimhnich an latha a chruinnich iad airson na solais fhaicinn a’ dol air airson a’ chiad turas. Bha saoghal an telebhisean na b’ anmoiche a’ tighinn chun na h-eileanan ach thàinig làithean nàbaidhean a’ cruinneachadh son cèilidh sa chidsin gu bhith na b’ ainneimh.

Tha an taisbeanadh seo a’ cluinntinn bho na daoine a bha ann nuair a thachair na h-atharraichean. Tha sgeulachdan ann mun spòrs nuair a bha am post ga leagail an t-Hiort; am fàilligeadh mòr aig post na rocaid ann an Sgarp; an ambaileans adhair adhartach ann an Solas.

Chan eil teagamh ann nach eil buannachdan air tighinn à goireasan ùr-nòsach agus grad-chonaltraidh, ach tha an taisbeanadh seo cuideachd na chuimhneachan air cuid de na dùbhlain agus rèiteacheadh a thàinig na chois. 

Tha taisbeanadh Siubhal agus Conaltraidhean fosgailte airson tadhal ann, san Taigh-tasgaidh ann an Taigh Chearsabhagh, 10m-4f, Diluain gu Disathairne, agus freagarrach air gach aois.   Tha an taisbeanadh a’ cosg £3, no £2 le lasachadh, agus gheibh clann fo aois 10 a-steach an-asgaidh.

Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.