Home > Event > Sluagh agus Àite

Painting of two people working at seaweed, one bent over seaweed covered rocks, the other wading in the sea while pulling ropes.

Sluagh agus Àite

Daoine ag obair ann an Uibhist

Margaret A. Keltie: An Neach-ealain (29.05.49 – 26.12.24)

Bha Margaret Keltie a’ teagasg ann an Sgoil Lìonacleit, Beinn na Faoghla airson 17 bliadhna agus a’ fuireach sa Bhaile Shear, Uibhist a Tuath. Nuair a leig i dhith a dreuchd, cha robh coimeas ann eadar na beagan bhliadhnaichean a bh’ aice air falbh agus an t-aoibhneas a bh’ oirre leis a’ cho-dhùnadh tilleadh a dh’Uibhist, an turas seo gu Loch a’ Charnain, aig deas. Bha gach seòrsa ealain ga sàsachadh; òrain, dannsa, sgrìobhadh agus peantadh, is sin uile ann an DNA an teaghlaich. 

’S e bha air cùlaibh taisbeanadh ‘Sluagh agus Àite’ gu robh Margaret a’ faireachdainn nach robh aithne gu leòr ga thoirt do dhaoine an lùib meadhan-ealain peantaidh. Cha robh Margaret ann an dòigh sam bith deiseil leis an amas aice gus Uibhist agus muinntir Uibhist a riochdachadh aig an cuid obrach nuair a thàinig a beatha gu crìoch gu h-aithghearr le aillse broillich, a bha cuideachd ann an DNA an teaghlaich.

Thathar an dòchas gum faicear an gaol a bh’ aice agus an luach a bha i a’ cur air Uibhist agus a chuid ‘Daoine ag obair ann an Uibhist’ tron chruinneachadh seo aig Taigh Chearsabhagh agus gun toir e dhuibh a cheart uimhir a thoileachas sa bhiodh Margaret ag iarraidh a’ miannachadh. Tha grunn dhe na daoine agus àiteachan anns an taisbeanadh bhon sgìre san robh Margaret a’ fuireach anns an deich bliadhna mu dheireadh de beatha.

Tha ‘Sluagh agus Àite’ aig Margaret Keltie ri fhaicinn an-asgaidh ann an Gailearaidh a’ Chafaidh ann an Taigh Chearsabhagh bho 29 Giblean gu 14 Ògmhios, Diluain-Disathairne, 10m-3f.  Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.