Is e MOVE an taisbeanadh le Disaster Plan leis an do shoirbhich aig Fèis Dhùn Èideann ’21 mun imrich agus mu leigheas coitcheann, a tha a’ tadhal a-nis air cladaichean na h-Alba as t-samhradh.
“…a production at once rooted and outward looking, unsentimental and sincere, with a sound, if not to die for, then at the very least to be reborn to.” Mark Fisher, The Guardian
Nach tig thu le sgrìobhadair is stiùiriche soirbheachail an taisbeanaidh, Julia Taudevin, airson snàmh nuair a dh’ionnsaicheas is a sheinneas i òran nan ròn, tha na ròin fiù ’s air seo a sheinn air ais dhi roimhe, mar sin cha bhiodh càil a dh’fhios agad …
Bidh an snàmh aig 6f aig tràigh Chlachan Shannda, Uibhist a Tuath. Thoir an aire gum feum thu a bhith nad neach-snàmh misneachail agus a bhith air snàmh sa mhuir roimhe airson pàirt a ghabhail, airson adhbharan sàbhailteachd.
Air a choimiseanadh le Sorcha Monk, Riochdaire Cruthachail An Gàrradh Uibhist a Tuath.
—
Gus barrachd fhaighinn a-mach mu phròiseact a’ Ghàrraidh Ris Nach Robh Dùil aig na Beàrnain-Bhrìde, tadhail air duilleag pròiseact a’ Ghàrraidh. Bidh prògram an t-samhraidh fo bhlàth agus an t-sìde a’ blàthachadh, agus ma tha thu ag iarraidh dol gu tachartasan eile leis na Beàrnain-Bhrìde san àm ri teachd, cuir t’ ainm ris a’ chuairt-litir againn aig bonn na duilleig-lìn seo. Faodaidh tu Taigh Chearsabhagh a leantainn cuideachd air na meadhanan sòisealta airson fios, no tadhal às ùr air duilleag pròiseact a’ Ghàrraidh, a thèid ùrachadh gu cunbhalach.
Booking
Bookings are no longer available for this event.