Stairseach (boir.)
Thigibh còmhla rinn airson feasgar shònraichte le Susannah Stark, an neach-ealain air mhuinntireas againn airson Romhainn, is i gus taisbeanadh dhuinn na h-òrain agus fuaimean a chruthaich i tron t-seachdain aice ag obair ann an Taigh Chearsabhagh. Tha Susannah air a bhith a’ rannsachadh stairsich, àiteachan airson a dhol thairis agus iomlaid, agus i a’ lorg iomraidhean ann an tasglainn Ghàidhlig sgrìobhte le mnathan, leithid Màiri NicLeòid. Ag obair eadar mheadhanan agus cànain, eadar-theangachadh agus eadar-chuspaireil, tha an obair aig Susannah ann an Gailearaidh 1 a’ gabhail a-steach òrain ùra Ghàidhlig, fuaim, dealbhan agus a’ tighinn eadar àiteachan.
Cruinneachaidh sinn aig 7f air Diluain 24 Gearran, ann an Gailearaidh 1, a’ cleachdadh an dorais suas an staidhre cloiche air taobh an ear an togalaich.
Tha an tachartas seo mar phàirt de Sheachdain na Gàidhlig agus a’ toirt an ùine aig Susannah ann an Loch nam Madadh gu crìoch. Gheibh sibh tuilleadh fiosrachaidh mun mhuinntireas agus an taisbeanadh aig Susannah air prìomh dhuilleag Romhainn.
Le taing shònraichte gu Maoin Oighreachd a’ Chrùin, Bòrd na Gàidhlig agus Hands Up for Trad airson a’ chothrom seo a mhaoineachadh. Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.
Dealbh: Susannah Stark aig Ceòl is Craic, 2024. Còir-deilbhe: Kris Kesiak.
