Home > Event > Stephen Clarke: Dealbhan nan Eilean

Stephen Clarke: Dealbhan nan Eilean

Rugadh Stephen Clarke ann an 1967. Bha e dìleas do dhealbhadaireachd chruthan-tìre agus bha buaidh mhòr aig àrainneachd dhràmadach na h-Eileanan an Iar air obair. Cheumnaich e bho Cholaiste Togail is Clò-bhualaidh Ghlaschu, ann an dealbhadaireachd, agus thog e stoidhle lèirsinneach shònraichte a tha ga thaisbeanadh tro na clò-bhualaidhean seo.

Tha an taisbeanadh seo a’ tabhann taghadh den obair aige, ga shealltainn an dà chuid mar mholadh agus na mheòrachadh air an t-sealladh mhaireannach a bh’ aige air bòichead shocair Innse Gall.

Nach tig sibh còmhla rinn sa Chafaidh airson fosgladh an taisbeanaidh air Disathairne 11 Dàmhair, aig 7f? Bidh fàilte ron h-uile duine.

Chì sibh an cruinneachadh obrach seo aig Stephen Clarke, an-asgaidh, ann an Gailearaidh a’ Chafaidh, bho 10 Dàmhair gu 5 Samhain, Diluain gu Disathairne, 10m – 4f. Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.