Home > Event > Taigh Ciùil: Esther Swift

Image of Esther Swift leaping in the air next to a clarsach, with an orange background and the wording "Taigh-Ciùil Live Music and Bar".

Taigh Ciùil: Esther Swift

A’ tarraing coimeis ri Kate Bush, Anna Meredith agus Bjork, tha Esther Swift a’ dèanamh sgrùdaidh san taisbeanadh ciùil aice air gnàthasan, ceanglaichean, aonarachd, agus an t-saoghal nàdarrach, le clàrsach agus a guth.  Tha sinn air leth toilichte Esther a thoirt gu oidhche Taigh Ciùil ann an Uibhist a Tuath, mar phàirt den Turas Innse Gall 2023 aice, is feasgar de cheòl beò seunta air a ghealltainn dhuinn.

Glèidhibh tiogaidean gu h-ìosal.  Bidh àireamh bheag de thiogaidean rin ceannach aig an doras (airgead a-mhàin).

“Björk-esque” – The Edinburgh Reporter 

“inventive…really impressed and engaged” – Fiona Shepherd, An t-Albannach 

“singularly compelling, as well as accessible” – Adrian Pallant, London Jazz 

“monster musician” – Chris Wood

’S e clàrsaiche, sgrìobhaiche-ciùil agus seinneadair buadhmhor, ùr-ghnàthsach is dàna a th’ ann an Esther, ag obair thar ghnèithean cho farsaing ri ceòl-seòmair clasaigeach agus ceòl ga ùr-chruthachadh, agus a’ sgrìobhadh do bhuidhnean beag is mòr.  Air a h-oideachadh aig Sgoil Chiùil Naomh Màiri ann an Dùn Eideann agus Royal Northern College of Music, agus cuide ris a’ chlàrsaiche adhartach Catriona NicAoidh, tha Esther air iomadh coimisean cliùiteach fhaighinn agus air nochdadh ann an grunn cho-obraichean eadar-nàiseanta.  Tha an ceòl aice air a toirt gu Vietnam, Seallain Nuadh, Malaysia, Mongolia agus a bharrachd, agus i air compàirt a ghabhail ann an co-obraichean ciùil eadar-nàiseanta le luchd-ciùil agus luchd-ealain eile air feadh an t-saoghail.

Bho choinn ghoirid tha Esther air coimisein fhaighinn bho Celtic Connections, Ceòl-seòmair Alba, fèis-ciùil Jazz Manchester agus Urras Edwin Morgan, agus chaidh a taghadh airson prògram Dèante an Alba 2022 aig Iomall Fèis Eadar-nàiseanta Dhùn Eideann leis a’ phìos obrach aice airson Celtic Connections, Sound Effects.