Home > Event > Taigh Ciùil: Gleann nam Bàird

An orange banner showing four musicians and their instruments. One plays a fiddle, one is a singer, one has a cittar, and the other a flute.

Taigh Ciùil: Gleann nam Bàird

‘S e deasachadh sònraichte de na h-oidhcheannan Taigh Ciùil againn, a’ smaoineachadh air Gleann Moireasdan,  a th’ ann an Gleann nam Bàird. Tha Taigh-ciùil na shreath de dh’oidhcheannan de cheòl beò leis an luchd-chiùil dhùthchasach as fheàrr agus bàr le cead-dibhe. Tha sinn an dòchas gun tèid agad air a bhith leinn airson oidhche bharraichte de cheòl leis an luchd-chiùil ealanta seo.

Tha dualchas làidir de bhàird ann an Gleann Moireasdan. Tha an cuid dhuan is sgeulachdan ag innse mu dhòigh-beatha ag atharrachadh: eadar àirighean is dhròbhairean agus toirt a-steach nan caorach is na Fuadaichean, agus leudachadh nan oighreachdan-seilge. Ann an 2021, rinn Ceit Langhorne (seinneadair) agus Munro Gauld (neach-ciùil) rannsachadh às leth muinntir Ghleann Moireasdan. Lorg iad còrr is 300 òrain às an sgìre, a bhiodh uair air a bhith air bhilean an t-sluaigh.

Còmhla ri Charlie Grey air an fhìdheall, (Cille Chuimein) agus air cittern Neil Bailie (Obar Pheallaidh), tha e nan amas ceòl Ghleann Moireasdan a thoirt gu bith don cheud uair ann an ’s dòcha 100 bliadhna.

Air a’ mhìos seo, thèid Taigh Ciùil a chumail ann an cafaidh Taigh Chearsabhagh le glè bheag de thiogaidean rim faighinn. Tha e deatamach gun cuir thu an tiogaid agad air dòigh ro làimh, a dh’fhaodas tu ceannach gu h-ìseal. Bidh cuid de thiogaidean rim faighinn air an doras, ach le crìochan comais teann, chan urrainn dhuinn gealltainn gum bi iad rim faighinn.