Nuair a dh’fhàsas taighean gann, dè thachras do theaghlach, do chànan, do choimhearsnachd?
Air a sgrìobhadh le Màiri Nic ’Ille Mhoire, Eva O’ Connor agus Mared Llywelyn Williams
Air fhiolmadh aig Grinneabhat, Leòdhas
Dealbh-chluich air a stiùireadh le Muireann Kelly
‘Taigh’ ann an Gàidhlig, ‘Ty’ ann an Cuimris agus ‘Teach’ ann an Gaeilge. An aon chiall ann an trì cànain. Aig cridhe ar saoghal, ’s e àite a th’ ann airson teaghlach, cruinneachadh is ceòl. Àite airson cuimhneachadh is airson comharrachadh. Ach cuideachd, ’s e àite fo chunnart a th’ ann an cuid de sgìrean, le darna dachaighean, àrdachadh màl agus gainnead thaighean a’ toirt buaidh air ar coimhearsnachdan agus ar cànain.
Se co-riochdachadh ùr, ioma-chànanach a th’ ann an Taigh Ty Teach, air a sgrìobhadh le Màiri Nic ’Ille Mhoire ann an Alba, Eva O’ Connor ann an Èirinn agus Mared Llywelyn Williams sa Chuimrigh, ’s e air a thaisbeanadh ann an Gàidhlig, Gaeilge agus Cuimris, le fo-thìotalan is closed captions ann am Beurla.
Nach tig sibh gu Taigh Chearsabhagh airson sgrìonadh film den dealbh-chluich air Disathairne 8 Samhain aig 6.30f, le còmhradh agus srùpag às dèidh làimh? Tiogaidean rim faighinn an seo.
Bidh cothrom aig luchd-amhairc na h-Eileanan an Iar seo fhaicinn mar a chaidh fhiolmadh aig Grinneabhat ann am Bradhagair, Eilean Leòdhais, mar phàirt den chuairt didseatach san fhoghair 2025.
Trì thaighean, trì choimhearsnachdan agus trì sgeulachdan ri innse, gach aon a’ meòrachadh air na dùbhlain a th’ aig na trì dhùthchanan ann an cumantas, agus na daoine a tha aig teis-meadhan na cùise.
