Tha sinn air leth toilichte Taisbeanadh Bliadhnail a’ Gheamhraidh aig Comann Ealain Uibhist a shealltainn ann an Gailearaidh a’ Chafaidh, le measgachadh fharsaing de dh’obair ùr bho luchd-ealain ionadail.
Nach tig sibh airson a’ chiad sealladh de Thaisbeanadh a’ Gheamhraidh, aig an fhosglaidh ann an Gailearaidh a’ Chafaidh air Disathairne 7 Samhain aig 2f? An-asgaidh agus fosgailte don h-uile duine, bidh fàilte romhaibh.
Bidh mòran den obair ga thabhann ri cheannach, is pìosan ùra ga chur ris an taisbeanadh bho àm gu àm.
Chaidh an Uist Arts Association (UAA) a stèidheachadh bho chionn còrr is 25 bliadhna le buidheann dhaoine aig an robh ùidh ann a bhith a’ brosnachadh agus a’ cuideachadh nan ealan ann an Uibhist, nan lùib bha luchd-ealain, luchd-ciùird, sgrìobhadairean agus iadsan aig an robh ùidh taic a thoirt do thachartasan ealain agus aire air na h-ealain. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh, le fios mu dheidhinn a bhith a’ gabhail ballrachd sa bhuidhinn, agus cuideachd mu obair bhuill, air làrach-lìn an UAA.
Chithear an taisbeanadh an-asgaidh, ann an Gailearaidh Cafaidh Thaigh Chearsabhaigh, 10m – 4f, Diluain gu Disathairne bho 9 Samhain gu 30 Faoilleach. Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.
