Tha daoine òga bho chùrsa Ealain is Dealbhachadh aig Sgoil Lìonacleit a’ taisbeanadh taghadh den obair aca. ’S iad na beachdan aca fhèin a tha ri fhaicinn sa chruinneachadh seo, is iad fhèin air taghadh dè na stuthan a chleachdadh iad airson an obair ealain aca. Tha iad air a bhith ag obair gu cruaidh airson an obair seo a shealltainn don choimhearsnachd, le taic bhon tidsear aca, Tessa Gerhinger-Monk.
Thigibh dhan Chafaidh ann an Taigh Chearsabhagh is abair gum faic sibh taisbeanadh de thàlant is sgilean!
Tha Taisbeanadh Ealain S2 + S3 Sgoil Lìonacleit ri fhaicinn an-asgaidh ann an Gailearaidh a’ Chafaidh gu 28 Màrt.
Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.
