Home > Event > Taisbeanadh Fèis Fiadh-bheatha Innse Gall

Taisbeanadh Fèis Fiadh-bheatha Innse Gall

Thigibh a dh’fhaicinn obair mhìorbhaileach bho luchd-ealain ionadail, a tha a’ nochdadh bòichead, caractar agus iomadachd na cruthan-tìre is spèiseasan againn. Tro pheantadh, snaitheadh agus dealbhadaireachd, tha luchd-ealain a’ toirt an fhiadh-bheatha ionadail againn beò – a’ toirt fiathachadh dhuinn stad greiseag, coimhead nas fhaisge, agus ceangal a dhèanamh as ùr leis an àrainneachd nàdarra mun cuairt oirnn. 

Tha taisbeanadh Fèis Fiadh-bheatha Innse Gall ri fhaicinn an-asgaidh ann an Gailearaidh a’ Chafaidh, bho 9 Ògmhios – 4 Iuchar 2026, Diluain-Disathairne, 10m-4f. Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh. 

Gheibh sibh am prògram air fad airson na fèis air làrach-lìn Fèis Fiadh-bheatha Innse Gall.

Còir deilbhe: Cally Yeatman.