Home > Event > Taisbeanadh Fosgailte Samhraidh UAA 2022 – seachdain a bharrachd!

Taisbeanadh Fosgailte Samhraidh UAA 2022 – seachdain a bharrachd!

An taisbeanadh samhraidh bliadhnail againn de dh’ obair ealain bho luchd-ealain a tha nam buill de Chomann Ealain Uibhist.

Faodaidh an deasg fiosrachaidh agus reic sa ghailearaidh comhairle a thoirt seachad mun t-slighe ealain samhraidh againn de stiùidiothan, gailearaidhean agus gnìomhachasan ealain ionadail eile. Bidh a’ mhòr-chuid den obair cuideachd ri fhaighinn air-loidhne tro bhùth-lìn Taigh Chearsabhagh.

Am-bliadhna bidh an taisbeanadh cuideachd a’ toirt a-steach taisbeanadh cuimhneachaidh de dh’ obair le Judith Entwisle-Baker.

Bidh cruinneachadh ann airson an taisbeanadh seo a chomharrachadh agus coinneachadh ris an luchd-ealain air Dihaoine 1 Iuchar aig 7f. Airson tuilleadh fiosrachaidh, faic duilleag an tachartais.