Tadhalaibh air Gailearaidh 2 airson faicinn mar a dh’obraicheas sibh làrach-lìn ùr Tasglann Fhilm Faodail | Found Innse Gall. Tha an làrach-lìn ga thaisbeanadh air scrìn mhòr airson a bhith furasta fhaicinn agus faodaidh sibh obrachadh tron làrach-lìn sa Ghàilearaidh, a’ coimhead air criomagan bhon 20 cruinneachadh – 24 uair a thìde de chlàraidhean, 500 criomag – a’ rannsachadh a rèir cruinneachaidh, cuspair, ceann-là no deichead, àite (le mapa na cois) no a rèir prìomh fhacail.
An-asgaidh agus freagarrach air a h-uile duine, thoiribh leibh an teaghlach!
Tha taisbeanadh làrach-lìn Faodail | Found fosgailte ann an Gailearaidh 2, Diluain gu Disathairne, 10m – 4f, gu Disathairne 26 Sultain
.
Tha sinn an-dràsta a’ sanasachd iomairt crowdfunder againn, airson 5 chruinneachaidhean eile a chaidh an toirt dhuinn a chur ann an cruth didseatach. Cuiribh taic ris tron chòd QR ma ’s urrainn dhuibh.
Tha sinn cuideachd a’ cur a-mach gairm airson tuilleadh fhilmichean cine nach fhacar fhathast, a’ sealltainn Innse Gall, airson a chur ris an tasglann. A bheil seann ridhlichean film cine agaibhse leis an eilean agaibh orra?
Tha sinn a’ leudachadh ruigsinneach air tasglann FAODAIL | FOUND le taic bho Mhaoin Dulachas Sgrìn BFI, a’ toirt seachad taic-airgid bhon Chrannchur Nàiseanta.


